Iob 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha Iob ag aideachadh ceartais Dhè; 14 a’ nochdadh nach eil e ag iarraidh e fhèin fhìreanachadh; 20 agus nach còir breith a thoirt air neach air bith on dòigh air am bheil Dia a’ buntainn ris. 1 Agus fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Gu deimhinn tha fhios agam gu bheil e mar sin: oir cionnas a shaoras duine e fhèin am fianais Dhè? 3 Mas àill leis a chùis a thagradh na làthair, cha fhreagair e e aon uair as a’ mhìle. 4 Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich? 5 A dh’atharraicheas na beanntan, agus cha bhi fios aca air, a thilgeas bun‐os‑cionn iad na fheirg: 6 A chrathas an talamh as a àit, agus criothnaichidh a phuist: 7 A dh’àithneas don ghrèin, agus chan èirich i; agus air na reultan a chuireas seula: 8 A sgaoileas a‑mach na nèamhan na aonar, agus a shaltras air tonnan na fairge: 9 A tha a’ dèanamh Arcturuis, Orioin, agus Phleiades, agus seòmraichean na h‑àird a deas: 10 A tha a’ dèanamh nithean mòra, nach bi e an comas fhaghail a‑mach, agus nithean iongantach nach gabh àireamh. 11 Feuch, thèid e seachad orm, agus chan fhaic mi e; agus gabhaidh e thairis, ach cha mhothaich mi e. 12 Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh? 13 Cha tionndaidh Dia air falbh a fhearg: foidhe cromaidh fir‐chuideachaidh an àrdain; 14 Nach ro‑lugha na sin a fhreagras mise e, a thaghas mi mo bhriathran ris? 15 Oir ged bhithinn ionraic, cha fhreagrainn e; air mo bhritheamh dh’aslaichinn. 16 Nan gairminn, agus gum freagradh e mi, cha chreidinn gun d’èisd e rim ghuth: 17 Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar. 18 Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe. 19 Ma labhrar mu neart, feuch, tha e làidir; agus ma labhrar mu bhreitheanas, cò a shuidhicheas àm air mo shon? 20 Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi. 21 Foirfe ged bhithinn, chan aithnichinn e: am anam dhèanainn tàir air mo bheatha. 22 Is aon nì e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t‑aingidh tha e a’ sgrios. 23 Ma mharbhas an t‑slat gu h‑obann, ri deuchainn nan neochiontach gàiridh e. 24 Thugadh an talamh ann an làimh an aingidh: aghaidhean a bhritheamhan còmhdaichidh e: mura dèan e mar seo, càite, cò esan a nì? 25 Bha mo làithean na bu luaithe na gille‐ruith: theich iad air falbh, chan fhaca iad math. 26 Ghabh iad seachad mar na longan luatha; mar an iolair a’ dol air iteig a‑chum cobhartaich. 27 Ma their mi, Dìochuimhnichidh mi mo ghearan, leigidh mi dhìom mo dhubhachas, agus bheir mi comhfhurtachd dhomh fhèin; 28 Tha eagal orm ro mo dhoilgheasan uile; tha fhios agam nach meas thu neochiontach mi. 29 Ma bhios mi aingidh, carson, matà, a shaothraichinn gu dìomhain? 30 Ma nigheas mi mi fhèin ann an uisgeachan sneachda, agus ma ghlanas mi gu glan mo làmhan; 31 An sin tumaidh tu mi anns an t‑sloc, agus gabhaidh m’aodach fhèin gràin dhìom. 32 Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas. 33 Chan eil fear‐rèite eadarainn, a chuireadh a làmh oirnn le chèile. 34 Thugadh e air falbh a shlat dhìom, agus na cuireadh eagal roimhe uamhas orm. 35 An sin labhrainn, agus cha bhiodh eagal orm roimhe: ach chan eil mi mar sin agam fhèin. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society