Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha Iob a’ caoidh gu bheil a thrioblaid ro throm air a shon; 11 agus ann an seirbhe a spioraid a’ dèanamh gearain ri Dia. 20 Dh’aidich e eusaontas fhèin ann am fianais Dhè.

1 Nach eil àm suidhichte aig an duine air thalamh, agus mar làithean fhir‐tuarasdail a làithean?

2 Mar a mhiannaicheas an seirbhiseach an sgàil, agus mar a bhios sùil aig an fhear‐tuarasdail ri duais a obrach;

3 Mar sin fhuair mise mar sheilbh dhomh fhèin mìosan dìomhanais, agus àirmhear dhomh oidhcheannan cràidh.

4 Ma laigheas mi sìos, their mi, Cuin a dh’èireas mi, agus a thèid an oidhche thairis? Agus tha mi a’ làn‐luasgaidh a‑null agus a‑nall gu briseadh na fàire.

5 Tha m’fheòil air a còmhdachadh le cnuimhean agus spairtean ùire; bhris mo chraiceann, agus tha e breun.

6 Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.

7 Cuimhnich gur gaoth mo bheatha: cha till mo shùil a dh’fhaicinn maith.

8 Sùil an tì a chunnaic mi, chan fhaic i mi: bidh do shùilean orm, agus cha bhi mi ann.

9 Caithear an neul, is thèid e as; mar sin esan a thèid sìos don uaigh, cha tig e a‑nìos.

10 Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò.

11 Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama.

12 Am muir mi, no muc‐mhara, gun cuireadh tu faire orm?

13 Ma their mi, Bheir mo leabaidh furtachd dhomh; aotromaichidh m’uirigh mo ghearan;

14 An sin cuiridh tu fuathas orm le aislingean, agus uamhas le seallaidhean:

15 Agus is fheàrr lem anam tachdadh, bàs na beatha.

16 Tha mi a’ gabhail gràin dheth; cha b’àill leam a bhith beò gu bràth: leig leam, oir is dìomhanas mo làithean.

17 Ciod e an duine, gun àrdaicheadh tu e? Agus gun suidhicheadh tu do chridhe air?

18 Agus gum fiosraicheadh tu e gach madainn? Gach mionaid gun dearbhadh tu e?

19 Cia fhad a bhios tu gun dealachadh rium? Agus nach leig thu leam gus an sluig mi sìos mo shile?

20 Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir‐coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?

21 Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan