Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 42 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’ùmhlaich Iob e fhèin fo làimh Dhè. 7 Chronaich Dia a thriùir chàirdean a chionn nach do labhair iad an nì a bha ceart dha thaobh. 9 Ghabh an Tighearna ri Iob, agus thug e dha a dhà uiread is a bha aige roimhe. 13 Clann Iob: 16 aois Iob agus a bhàs.

1 An sin fhreagair Iob an Tighearna, agus thubhairt e,

2 Tha fhios agam gur urrainn thusa gach nì a dhèanamh, agus nach ceilear smuain air bith ort.

3 Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? Uime sin chuir mi an cèill nithean nach do thuig mi; nithean tuilleadh is iongantach air mo shon‐sa, nach b’aithne dhomh.

4 Eisd, guidheam ort, agus labhraidh mi: feòraichidh mi dhìot, agus foillsich thusa dhomh.

5 Le èisdeachd na cluaise chuala mi thu; ach a‑nis chunnaic mo shùil thu.

6 Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

7 Ach an dèidh don Tighearna na briathran sin a labhairt ri Iob, thubhairt an Tighearna ri Eliphas an Temanach, Tha m’fhearg air a lasadh ad aghaidh‐sa, agus an aghaidh do dhithis chàirdean, a chionn nach do labhair sibh am thaobh‐sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

8 Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt‐loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris‐san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh‐sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

9 Agus chaidh Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh: agus ghabh an Tighearna ri Iob.

10 Agus thionndaidh an Tighearna braighdeanas Iob, nuair a rinn e ùrnaigh airson a chàirdean: agus thug an Tighearna do Iob a dhà uiread is a bha aige roimhe.

11 Agus thàinig a bhràithrean uile da ionnsaigh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile dom b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris na thaigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha a‑thaobh an uilc uile a thug an Tighearna air: agus thug iad dha gach aon dhiubh bonn airgid, agus gach aon dhiubh cluas‐fhàinne òir.

12 Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir‐mìle‐deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann.

13 Agus bha aige seachd mic, agus triùir nighean.

14 Agus thug e Iemima mar ainm air a’ chiad nighinn, agus Cesiah mar ainm air an dara, agus Ceren‐hapuch mar ainm air an treas nighinn.

15 Agus cha d’fhuaireadh mnathan cho sgiamhach ri nigheanan Iob anns an tìr uile; agus thug an athair dhaibh oighreachd am measg am bràithrean.

16 Agus bha Iob beò na dhèidh seo ceud agus dà‑fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaichean.

17 Agus fhuair Iob bàs na sheann duine agus làn de làithean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan