Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 41 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Cumhachd Dhè mar a tha e air a nochdadh anns an Lebhiatan.

1 An tarraing thu a‑mach Lebhiatan le dubhan, no a theanga le còrd a leigeas tu sìos?

2 An cuir thu cromag na shròin, agus le deilg an toll thu a ghial?

3 An dèan e mòran aslachaidh ort? An labhair e briathran mìne riut?

4 An dèan e coicheangal riut? An gabh thu e mar sheirbhiseach gu bràth?

5 An dèan thu cluich ris mar ri eun? No an ceangail thu e dod ghruagaichean?

6 An dèan na companaich cuirm dheth? An roinn iad e am measg nan ceannaichean?

7 An lìon thu le gathan a chroiceann, no le morghathan èisg a cheann?

8 Cuir do làmh air, cuimhnich an cath, na dèan tuilleadh.

9 Feuch, is dìomhain a dhòchas‐san: eadhon aig a shealladh nach tilgear duine sìos?

10 Nach borb e nuair a dhùisgeas neach e? Agus cò esan a sheasas na làthair?

11 Cò a ghabh romham, agus gun dìolainn? Gach nì a tha fo na nèamhan uile is leamsa e.

12 Cha cheil mi a bhuill, no a neart, no a dhealbh sgiamhach.

13 Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh a aodaich? Cò a thig da ionnsaigh le a shrian dùbailte?

14 Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt.

15 Is iad a lannan a uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingeann;

16 Aon air a cur ri aon eile, air chor is nach tig deò eatorra.

17 Tha iad air an tàthadh ri chèile, tha iad a’ dlùth‐leantainn ri chèile, agus cha ghabh iad dealachadh.

18 Le a shitrich soillsichidh solas; agus tha a shùilean cosmhail ri rosgan na maidne.

19 As a bheul thèid leusan; leumaidh sradan teine a‑mach.

20 A cuinneinean a shròine thig deatach a‑mach, mar à poit air ghoil, no coire.

21 Lasaidh a anail gual, agus thèid lasair a‑mach as a bheul.

22 Na mhuineal còmhnaichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn.

23 Tha fillidhean a fheòla a’ leantainn ri chèile: tha iad daingeann annta fhèin, cha ghabh iad gluasad.

24 Tha a chridhe cruaidh mar chloich, cruaidh eadhon mar chloich‐mhuilinn ìochdaraich.

25 Nuair a thogas e e fhèin suas, bidh na cumhachdaich fo gheilt: air eagal brisidh glanaidh iad iad fhèin.

26 Cha seas claidheamh an tì a bheanas ris; an t‑sleagh, an gath, no lùireach.

27 Measaidh e mar chonnlaich an t‑iarann, mar fhiodh grod an t‑umha.

28 Cha toir an t‑saighead air teicheadh; nan connlaich tionndaidhear leis clachan a’ chroinn‐tabhaill.

29 Mar chonnlaich measar gathan; agus nì e gàire ri crathadh sleagha.

30 Foidhe tha clachan geura: sgaoilidh e nithean geura air an làthaich.

31 Bheir e air an doimhne a bhith air ghoil mar choire: an fhairge nì e mar phoit ola‑ungaidh.

32 Na dhèidh bheir e air a shlighe soillseachadh: saoilidh neach an t‑aigean a bhith liath.

33 Air thalamh chan eil a shamhail, a rinneadh as eugmhais eagail.

34 Chì e gach nì àrd: tha e na rìgh os cionn uile chlann an uabhair.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan