Iob 39 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992Nochd Dia a chumhachd fhèin, agus anfhainneachd agus aineolas an duine, le e a bhith a’ coimhead agus a’ riaghladh fhiadh‐bheathaiche na macharach air dhòigh neo‐aithnichte do chreutair. 1 An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh? 2 An urrainn thu na mìosan àireamh a choileanas iad, agus an aithne dhut an t‑àm anns am beir iad? 3 Cromaidh iad iad fhèin, beiridh iad an àl, tilgidh iad dhiubh an do‑bhròn. 4 Tha an àl ann an culaidh mhaith, tha iad a’ fàs suas anns na cluainean; thèid iad a‑mach, agus cha till iad dan ionnsaigh. 5 Cò a chuir a‑mach an t‑asal fiadhaich saor, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaichean an asail fhiadhaich? 6 Don do rinn mi a thaigh den fhàsach, agus a àite‐còmhnaidh den fhearann neo‐thorrach. 7 Nì e tarcais air mòr‐shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir‐ghreasaidh chan èisd e. 8 Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine. 9 Am bi an t‑aon‐adharcach toileach air seirbhis a dhèanamh dhut? Am fan e aig do phrasaich? 10 An ceangail thu an t‑aon‐adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh? 11 An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha? 12 An creid thu e gun aisig e do shìol, agus gun cruinnich e e dod ùrlar‐bualaidh? 13 An tusa a thug sgiathan brèagha do na peucagan? No sgiathan agus iteach don struth; 14 A dh’fhàgas a h‑uibhean anns an talamh, agus a bhlàthaicheas iad anns an duslach, 15 Agus a dhìochuimhnicheas gum faod cas am bruthadh, no fiadh‐bheathach na machrach am briseadh? 16 Cruadhaichear i an aghaidh a h‑àlaich, mar nach bu leatha iad: dìomhain tha a saothair gun eagal; 17 A chionn gun do dhiùlt Dia dhi gliocas, agus nach do roinn e tuigse rithe. 18 Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach. 19 An tug thusa neart don each? An d’èidich thu a mhuineal le tàirneanaich? 20 An dèan thu gealtach e mar an leumnach‐uaine? Is uamhasach glòir a chuinneinean. 21 Bùraichidh e le a chois anns a’ ghleann, agus nì e gàirdeachas na neart: thèid e air aghaidh an coinneamh an airm. 22 Nì e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha till e air ais o fhaobhar a’ chlaidheimh. 23 Nì am balg‐saighid torman na aghaidh, an t‑sleagh loinnreach agus an gath. 24 Le gairge agus feirg cladhaichidh e an talamh; agus cha chreid e gur i fuaim na trompaid a tha ann. 25 Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich. 26 An ann led ghliocas‐sa a dh’itealaicheas an t‑seabhag, a shìneas i a sgiathan a làimh na h‑àird a deas? 27 An ann air d’àithne‐sa a dh’èireas an iolaire suas, agus a nì i a nead gu h‑àrd? 28 Gabhaidh i còmhnaidh anns a’ charraig, agus fanaidh i air sgòrr na carraig, agus anns an daingneach. 29 As a sin iarraidh i cobhartach; chì a sùilean fad as. 30 Agus sùgaidh a h‑àlach suas fuil; agus far am bi na mairbh, an sin bidh ise. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society