Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 34 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rinn Elihu casaid air Iob a chionn gun dubhairt e gun robh e ionraic, agus gun tug Dia air falbh a bhreitheanas. 10 Cha chòmhnaich aingidheachd maille ri Dia. 34 Chronaich Elihu Iob.

1 A thuilleadh air seo fhreagair Elihu, agus thubhairt e,

2 Cluinnibh mo bhriathran, a dhaoine glice, agus èisdibh rium, sibhse aig a bheil eòlas:

3 Oir dearbhaidh a’ chluas briathran, agus blaisidh am beul biadh.

4 Roghnaicheamaid dhuinn fhèin breitheanas: biodh fhios againn eadarainn fhèin ciod an nì a tha math.

5 Oir thubhairt Iob, Tha mi ionraic; agus thug Dia air falbh mo bhreitheanas.

6 Ann am bhreitheanas tha mi air mo mhealladh: tha mo lot do‑leighis, as eugmhais easaontais.

7 Cò an duine a tha cosmhail ri Iob, a dh’òlas suas magadh mar uisge?

8 A dh’imicheas ann an cuideachd luchd‐dèanamh na h‑euceirt, agus a shiùbhlas le droch dhaoine.

9 Oir thubhairt e, Chan eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia.

10 Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile‐chumhachdach.

11 Oir gnìomh duine ìocaidh e dha agus bheir e air gach duine gum faigh e a rèir a shlighe.

12 Seadh, gu cinnteach cha dèan Dia gu h‑aingidh, agus cha chlaon an t‑Uile‐chumhachdach breitheanas.

13 Cò a chuir an talamh fo a chùram, agus cò a shuidhich an domhan uile?

14 Ma chuireas e a chridhe air, ma chruinnicheas e da ionnsaigh fhèin a spiorad agus a anail;

15 Bàsaichidh gach uile fheòil le chèile, agus tillidh an duine a‑rìs don duslach.

16 A‑nis ma tha tuigse agad, cluinn seo; èisd ri guth mo bhriathar:

17 An riaghail esan fhèin aig a bheil fuath do cheartas? Agus an dìt thu esan as ro‑cheirte?

18 An abrar ri rìgh, Tha thu aingidh? Ri daoine urramach, Tha sibh ain‐diadhaidh?

19 Ris‐san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.

20 Gu h‑obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon‐oidhche cuirear an sluagh fo bhuaireas, agus siùbhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh.

21 Oir tha a shùilean air slighean duine, agus chì e a cheuman gu lèir.

22 Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd‐dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin.

23 Oir cha leig e tuilleadh is a chòir air duine, a‑chum gun rachadh e ann am breitheanas ri Dia.

24 Brisidh e sìos daoine cumhachdach gun àireamh, agus cuiridh e suas daoine eile nan àite.

25 Uime sin is aithne dha an gnìomharan, agus tilgidh e bun‐os‑cionn iad anns an oidhche, agus sgriosar iad.

26 Mar dhroch dhaoine buailidh e iad ann an sealladh soilleir dhaoine eile:

27 A chionn gun do thionndaidh iad air an ais uaithe, agus nach tug iad fa‑near aon air bith de a shlighean.

28 Air chor is gun tug iad air glaodh nam bochd teachd da ionnsaigh, agus gun cuala e glaodh nan truaghan.

29 Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

30 A‑chum nach rìghich duine a bhios na chealgair, air eagal gum biodh an sluagh air an ribeadh.

31 Gu cinnteach ri Dia tha e iomchaidh ra ràdh, Ghiùlain mi smachdachadh, cha chiontaich mi nas mò.

32 An nì nach lèir dhomh, teagaisg thusa dhomh: ma rinn mi aingidheachd, cha dèan mi sin nas mò.

33 An ann a rèir do thoile‐sa a bu chòir an nì a bhith? Dìolaidh e e, ma dhiùltas tusa, oir is tu fhèin a roghnaicheas, agus cha mhise; uime sin an nì as aithne dhut labhair.

34 Innseadh daoine tuigseach dhomh, agus èisdeadh duine glic rium.

35 Labhair Iob gun eòlas, agus bha a bhriathran as eugmhais gliocais.

36 Is e mo mhiann Iob a bhith air a dhearbhadh a‑chum na crìche, airson a fhreagraidhean le daoine aingidh.

37 Oir tha e a’ cur ceannairc ra pheacadh, a’ bualadh a bhas nar measg, agus a’ dèanamh a bhriathran lìonmhor an aghaidh Dhè.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan