Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 32 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Las fearg Elihu an aghaidh Iob agus a thriùir chàirdean. 6 Chronaich e a chàirdean a chionn nach do dhearbh iad an aghaidh Iob. 16 Nochd e eud fhèin gu labhairt.

1 An sin sguir an triùir dhaoine seo de thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu robh e ionraic na shùilean fhèin.

2 Agus las fearg Elihu mhic Bharacheil am Busitheach, de chinneadh Ram; an aghaidh Iob las a fhearg, a chionn gun d’fhìreanaich e e fhèin nas mò na Dia.

3 Mar an ceudna an aghaidh a thriùir chàirdean las a fhearg, a chionn nach d’fhuair iad freagradh, agus gun do dhìt iad Iob.

4 A‑nis dh’fheith Elihu gus an do labhair Iob, a chionn gum bu shine iad na esan.

5 Nuair a chunnaic Elihu nach robh freagradh air bith ann am beul an triùir dhaoine seo, an sin las a fhearg.

6 Agus fhreagair Elihu mac Bharacheil am Busitheach, agus thubhairt e, Tha mise òg, agus sibhse aosmhor; uime sin bha eagal orm, agus bha mi sgàthach mum bharail a nochdadh dhuibh.

7 Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas.

8 Ach tha spiorad anns an duine, agus bheir anail an Uile‐chumhachdaich tuigse dha.

9 Cha bhi daoine mòra a‑ghnàth glic; agus cha tuig na h‑aosmhoir breitheanas.

10 Uime sin thubhairt mi, Eisdibh rium; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.

11 Feuch, dh’fheith mi ri ur briathran; dh’èisd mi ri ur reusanan, gus an do rannsaich sibh ciod a theireadh sibh.

12 Seadh, thug mi fa‑near sibh; agus, feuch, cha robh aon agaibh a dhearbh an aghaidh Iob, no a thug freagradh air a bhriathran;

13 Air eagal gun abradh sibh, Fhuair sinn a‑mach gliocas: is e Dia a thilgeas sìos e, chan e duine.

14 A‑nis cha do chuir e a bhriathran an òrdagh am aghaidh‐sa; agus le ur faclan‐se cha fhreagair mise e.

15 Bha uamhas orra; cha do fhreagair iad na bu mhò; sguir iad de labhairt.

16 Agus dh’fheith mi, ach cha do labhair iad; ach sheas iad, agus cha do fhreagair iad na bu mhò.

17 Freagraidh mise mar an ceudna mo chuid fhèin; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.

18 Oir tha mi làn de bhriathran; tha spiorad mo chuim gam èigneachadh.

19 Feuch, tha mo chom mar fhìon gun dol as aige; mar shearragan nuadha, tha e ullamh gu bhith air a reubadh.

20 Labhraidh mi, agus bidh lasachadh agam; fosglaidh mi mo bhilean, agus freagraidh mi.

21 Na gabham‐sa, guidheam ort, ri gnùis duine air bith; agus ri duine na labhram gu miodalach.

22 Oir chan aithne dhòmhsa cainnt mhiodalach: nam b’aithne, gu h‑aithghearr bheireadh mo Chruithear air falbh mi.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan