Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 28 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha Iob a’ nochdadh, ged rannsaich duine nithean domhain an t‑saoghail seo, nach urrain e luach gliocais a thuigsinn; 23 aig Dia a‑mhàin tha eòlas air gliocas.

1 Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e.

2 Bheirear iarann as an talamh, agus leaghar a’ chlach na h‑umha.

3 Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e a‑mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàil a’ bhàis.

4 Brisidh an sruth a‑mach on luchd‐àiteachaidh; dearmadar iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad; o dhaoine siùbhlaidh iad.

5 A‑thaobh na talmhainn, aisde thig aran; agus foidhpe tionndaidhear suas amhail teine:

6 Is iad a clachan àite na saphir; agus tha duslach òir aice:

7 Ceum nach aithne don eunlaith, agus nach faca sùil na fainge.

8 Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air.

9 Air a’ charraig cuiridh e a‑mach a làmh: tilgidh e bun‐os‑cionn na beanntan.

10 Anns na creagan bheir e air aibhnichean briseadh a‑mach; agus chì a shùil gach nì luachmhor.

11 Ceanglaidh e na h‑aibhnichean o dhol thairis; agus an nì a tha falaichte bheir e gu solas.

12 Ach cia as a gheibhear gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse?

13 Chan aithne do dhuine a luach; agus chan fhaighear i ann an tìr nam beò.

14 Their an doimhne, Chan eil i annamsa; agus their a’ mhuir, Chan eil i maille riumsa.

15 Cha toirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgead mar a luach.

16 Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir.

17 Cha choimeasar òr no leug rithe; agus cha bhi a malairt le seudan den òr fhìorghlan.

18 Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle.

19 Cha choimeasar topas na h‑Etiopia rithe: leis an òr fhìorghlan cha mheasar i.

20 Cia as, matà, a thig gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse?

21 Oir tha i am falach o shùilean nan uile bheò; agus o eunlaith an adhair tha i an cleith.

22 Thubhairt lèirsgrios agus am bàs, Le ar cluasan chuala sinn a cliù.

23 Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h‑àite:

24 Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e:

25 A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas.

26 Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich;

27 An sin chunnaic e i, agus dh’fhoillsich e i; dheasaich e i, seadh, agus rannsaich e a‑mach i.

28 Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan