Iob 25 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992Nochd Bildad tighearnas an Uile‐chumhachdaich, agus truaillidheachd an duine. 1 An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, 2 Tha tighearnas agus eagal maille ris‐san: nì e sìth na ionadan àrda. 3 A bheil àireamh air bith air a shlòigh? Agus cò air nach èirich a sholas? 4 Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi? 5 Amhairc eadhon air a’ ghealaich, agus cha dealraich i; agus chan eil na rionnagan glan na shealladh. 6 Cia as ro‑lugha na sin an duine a tha na chnuimh; agus mac an duine a tha na chnuimh? |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society