Iob 23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Mhiannaich Iob teachd a dh’ionnsaidh àite‐còmhnaidh Dhè, agus a chùis a thagradh na làthair. 8 Ged tha Dia neo‐fhaicsinneach is aithne dha slighe an duine. 11 Ionracas Iob. 13 Tha comhairle Dhè neo‐chaochlaideach. 1 Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 An‑diugh fhèin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna. 3 Och, gun fhios agam càit am faighinn esan, agus gun tiginn a dh’ionnsaigh a àite! 4 Chuirinn mo chùis an òrdagh na làthair, agus lìonainn mo bheul le argamaidean. 5 Bhiodh fhios agam air na briathran leis am freagradh e mi, agus thuiginn ciod a theireadh e rium. 6 Le a mhòr‐chumhachd an tagradh e am aghaidh? Chan eadh; ach chuireadh e neart annam. 7 An sin thagradh am fìrean ris, agus bhithinn air mo shaoradh gu bràth om bhritheamh. 8 Feuch, thèid mi air m’aghaidh, ach chan eil esan ann; agus air m’ais, ach cha mhothaich mi e: 9 Air an làimh chlì, far a bheil e ag obrachadh, ach chan fhaic mi e; falaichidh e e fhèin air an làimh dheis, agus cha lèir dhomh e. 10 Ach is aithne dha an t‑slighe agam: nuair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a‑mach. 11 Air a cheuman chùm mo chas; ghlèidh mi a shlighe agus cha do chlaon mi. 12 O àithne a bhilean cha deachaidh mi air m’ais; nas mò na mo dhlighe bìdh mheas mi briathran a bheòil. 13 Ach tha e anns an aon bheachd, agus cò a dh’iompaicheas e? Agus an nì as miann le a anam, sin nì e. 14 Oir coileanaidh e an nì a dh’òrdaicheadh dhòmhsa: agus tha mòran den leithidean sin aige. 15 Uime sin tha fiamh orm na fhianais; nuair a bheir mi fa‑near, tha eagal orm roimhe: 16 Oir thaisich Dia mo chridhe, agus chuir an t‑Uile‐chumhachdach fiamh orm; 17 A chionn nach do ghearradh as mi ron dorchadas, agus om ghnùis nach d’fhalaich e an dorchadas. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society