Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 22 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug Eliphas fa‑near nach urrainn duine a bhith tarbhach do Dhia. 5 Chuir e mòran aingidheachd as leth Iob. 21 Dh’earail e air gun dlùth‐leanadh e ris an Tighearna, agus gun dìoladh e a bhòidean dha.

1 An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e,

2 Do Dhia am faod duine a bhith tairbheach, mar a dh’fhaodas esan a tha glic a bhith tairbheach dha fhèin?

3 An toil‐inntinn don Uile‐chumhachdach gun saor thusa thu fhèin? Agus am buannachd e dhàsan, gun dèan thu do shlighean iomlan?

4 Air eagal romhad an cronaich e thu? An tèid e a‑chum breitheanais leat?

5 Nach eil d’aingidheachd mòr, agus d’euceartan gun chrìch?

6 Oir ghabh thu geall od bhràithrean gun adhbhar, agus aodach nan lomnochd bhuin thu dhiubh.

7 Cha tug thu uisge don sgìth ri òl, agus on acrach chùm thu aran.

8 Ach aig fear a’ ghàirdein làidir bha an talamh; agus ghabh an duine urramach còmhnaidh ann.

9 Chuir thu bantraichean uat falamh, agus bhriseadh gàirdeanan nan dìlleachdan.

10 Air an adhbhar sin mun cuairt ort bha ribeachan, agus ghlac geilt obann thu;

11 No dorchadas air chor is nach faiceadh tu; agus chòmhdaich pailteas uisgeachan thu.

12 Nach eil Dia ann an àirde nan nèamh? Agus faic mullach nan rionnag, cia àrd a tha iad.

13 Agus their thusa, Cionnas a tha fhios aig Dia? Tron dorchadas am breithnich e?

14 Tha neòil nan còmhdachadh dha, agus chan fhaic e; agus ann an cùirt nan nèamh siùbhlaidh e.

15 An tug thu fa‑near an t‑slighe o shean, air an d’imich daoine aingidh;

16 A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait;

17 A thubhairt ri Dia, Imich uainn; agus ciod as urrainn an t‑Uile‐chumhachdach a dhèanamh air ar son?

18 Gidheadh lìon e an taighean le nithean matha: ach guma fada a bhios comhairle nan aingidh uamsa.

19 Chì na h‑ionraic, agus bidh aoibhneas orra; agus nì an neo‐chiontach gàire‐fanaid riu.

20 An àite, nach do ghearradh ar maoin‐ne sìos; ach loisgidh teine am fuidheall‐san.

21 Gabh‐sa a‑nis eòlas airsan, agus bi an sìth: mar sin thig math ad ionnsaigh.

22 Gabh, guidheam ort, an lagh o a bheul, agus cuir suas a bhriathran ann ad chridhe.

23 Ma thilleas tu a dh’ionnsaigh an Uile‐chumhachdaich, togar suas thu; cuiridh tu euceart am fad od phàilleanan.

24 Agus cuiridh tu suas òr mar dhuslach, agus òr Ophir mar chlachan nan sruth.

25 Agus bidh an t‑Uile‐chumhachdach na dhìdean agad, agus bidh pailteas airgid agad.

26 Oir an sin bidh do thlachd anns an Uile‐chumhachdach, agus togaidh tu suas do ghnùis a dh’ionnsaigh Dhè.

27 Nì thu ùrnaigh ris, agus èisdidh e riut, agus dìolaidh tu do bhòidean.

28 Agus cuiridh tu nì romhad, agus daingnichear dhut e; agus air do shlighean dealraichidh solas.

29 Nuair a dh’ìslichear daoine, an sin their thu, Bidh àrdachadh ann; agus saoraidh e an t‑iriosal.

30 Saoraidh e esan nach eil neo‐chiontach, agus saorar e le glaine do làmh‐sa.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan