Iob 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’iarr Iob gun èisdeadh a chàirdean gu furachair ra chainnt: 7 tha e a’ nochdadh gu bheil na h‑aingidh air uairean a’ soirbheachadh; 16 agus air uairean eile gu bheil an sgrios soilleir. 30 Tha an t‑aingidh air a ghleidheadh a‑chum là an sgrios. 1 Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus biodh seo mar ur comhfhurtachd. 3 Fuilingibh dhomh, agus labhraidh mi; agus an dèidh dhomh labhairt, cuiribh ri ur fanaid. 4 Am thaobh‐sa, an ann ri duine a tha mo ghearan? Agus nam b’ann, carson nach biodh mo spiorad fo bhuaireas? 5 Amhaircibh orm, agus biodh ioghnadh oirbh, agus cuiribh ur làmh air ur beul. 6 Oir nuair a chuimhnicheas mi, tha eagal orm; agus glacaidh geilt‐chrith m’fheòil. 7 Carson a tha na h‑aingidh beò, a dh’fhàsas iad sean, agus a bhios iad àrd ann an cumhachd? 8 Tha an sliochd air a dhaingneachadh nam fianais maille riu, agus an gineal fa chomhair an sùl. 9 Tha an taighean saor o eagal; agus chan eil slat Dhè orra. 10 Ginidh an tarbh, agus chan fhàilnich e; beiridh am bò laogh, agus cha tilg i e. 11 Cuiridh iad a‑mach an clann bheag mar threud; agus dannsaidh an gineal. 12 Togaidh iad an tiompan agus a’ chlàrsach; agus nì iad gàirdeachas ri fuaim an orgain. 13 Caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus ann an tiota thèid iad sìos don uaigh. 14 Agus their iad ri Dia, Imich uainn; oir chan àill leinn eòlas do shlighean. 15 Cò e an t‑Uile‐chumhachdach, gun dèanamaid seirbhis dha? Agus ciod an tairbhe a bhios ann dhuinn, ma nì sinn ùrnaigh ris? 16 Feuch, chan eil am math nan làimh: tha comhairle nan aingidh fada uamsa. 17 Cia minig a chuirear coinneal nan aingidh as? Agus a thig an sgrios orra? Roinnidh Dia doilgheasan na fheirg. 18 Bidh iad mar asbhuain ron ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomaghaoth leatha. 19 Taisgidh Dia suas a euceart‐san da chloinn: dìolaidh e dha, agus bidh fhios aig air. 20 Chì a shùilean a sgrios, agus de fheirg an Uile‐chumhachdaich òlaidh e. 21 Oir ciod an tlachd a bhios aige na thaigh na dhèidh, nuair a ghearrar as àireamh a mhìos nam meadhon? 22 Do Dhia an teagaisg neach air bith eòlas, agus gur e fhèin a bheir breith orrasan a tha àrd? 23 Bàsaichidh e seo na làn neart, agus e uile aig fois agus an sìth. 24 Tha a innidh làn saill, agus a chnàmhan air an taiseachadh le smior. 25 Agus bàsaichidh e sin ann an seirbhe a anama, agus chan ith e idir le toil‐inntinn. 26 Cuideachd anns an duslach laighidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad. 27 Feuch, is aithne dhomh ur smuaintean, agus na h‑innleachdan a tha sibh a’ dealbhadh gu h‑eucorach am aghaidh: 28 Oir their sibh, Càit a bheil taigh an duine mhòir, agus càit a bheil ionadan‐còmhnaidh nan aingidh? 29 Nach d’fheòraich sibh dhiubhsan a ghabhas seachad air an t‑slighe? Agus nach aithne dhuibh an comharraidhean? 30 Gun gleidhear an t‑aingidh a‑chum là an sgrios; a‑chum là na feirge gun toirear a‑mach iad. 31 Cò a chuireas an cèill a shlighe as an aodann: agus cò a dh’ìocas dha na rinn e? 32 Ach a‑chum na h‑uaighe bheirear e, agus anns an àit‐adhlacaidh fanaidh e. 33 Bidh fòidean a’ ghlinne milis dha, agus tàirngidh gach duine na dhèidh, mar a tha iad do‑àireamh roimhe. 34 Cionnas, matà, a tha sibh a’ tabhairt comhfhurtachd dhomh gu dìomhain, nuair a tha cealg nur freagradh? |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society