Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha Iob a’ gearan gun d’àrdaich a chàirdean iad fhèin na aghaidh nuair a bhean làmh an Tighearna ris. 23 A dhòchas ann an aiseirigh o na mairbh.

1 Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,

2 Cia fhada a chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathran?

3 Na deich uairean seo mhaslaich sibh mi: cha nàir leibh gu bheil sibh cho coimheach rium.

4 Agus gu deimhinn ma chaidh mi air seachran, fanaidh mo sheachran agam fhèin.

5 An àrdaich sibhse da‑rìribh sibh fhèin am aghaidh, agus an tagair sibh mo mhasladh am aghaidh?

6 Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm.

7 Feuch, glaodhaidh mi, Eucoir, ach chan èisdear rium; èighidh mi gu h‑àrd, ach chan eil breitheanas ann.

8 Dhùin e suas mo shlighe air chor is nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheuman.

9 Bhuin e mo ghlòir dhìom, agus thug e an crùn bhàrr mo chinn.

10 Sgrios e mi air gach taobh, agus chaidh as dhomh; agus chuir e air falbh, mar chraoibh, mo dhòchas.

11 Agus las a fhearg am aghaidh, agus mheas e mi mar aon de a naimhdean.

12 Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe am aghaidh, agus champaich iad mun cuairt air mo phàillean.

13 Chuir e mo bhràithrean fada uam; agus tha mo luchd‐eòlais gu deimhinn air fàs coimheach rium.

14 Thrèig mo dhìlsean, agus dhìochuimhnich mo luchd‐eòlais mi.

15 Mheas muinntir mo thaighe agus mo bhanoglaich mi mar choigreach: am eilthireach bha mi nan sùilean.

16 Air mo sheirbhiseach ghairm mi, agus cha do fhreagair e: lem bheul fhèin ghuidh mi air.

17 Bha m’anail coimheach dom mhnaoi, ged a ghuidh mi as leth clann mo chuirp fhèin.

18 Rinn eadhon clann òg tàir orm: dh’èirich mi, agus labhair iad am aghaidh.

19 Ghabh luchd mo rùin uile gràin dhìom; agus tha iadsan a ghràdhaich mi air tionndadh am aghaidh.

20 Rim chraiceann agus rim fheòil dhlùth‐lean mo chnàmhan; agus chaidh mi as le craiceann m’fhiacal.

21 Gabhaibh truas dhìom, gabhaibh truas dhìom, O mo chàirdean, oir bhean làmh Dhè rium.

22 Carson a gheur‐leanas sibhse mi mar a nì Dia, agus lem fheòil nach sàsaichear sibh?

23 O nach robh mo bhriathran a‑nis air an sgrìobhadh! O nach robh iad air an cur sìos ann an leabhar!

24 Le peann iarainn agus luaidh gu bràth ann an carraig nach robh iad air an gearradh!

25 Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear‐saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:

26 Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia:

27 Neach a chì mise air mo shon fhèin, agus air an amhairc mo shùilean‐sa, agus chan e neach eile: seo uile chuir mi suas am chom fhèin.

28 Ach their sibhse, Carson a gheur‐leanamaid e, agus gun d’fhuaireadh freumh a’ ghnothaich ann?

29 Biodh eagal oirbh ron chlaidheamh; oir fàsaidh an claidheamh teth an aghaidh euceartan, a‑chum gum bi fhios agaibh gum bi breitheanas ann.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan