Iob 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Bildad achmhasan do Iob a chionn gun robh e dh’easbhaidh foighidinn. 5 Dh’innis e gun cuirear solas an aingidh as, agus gun sgriosar a chuimhne bhàrr aghaidh na talmhainn. 1 An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, 2 Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathran? Tuigibh, agus na dhèidh sin labhramaid. 3 Carson a mheasar sinne mar ainmhidhean, agus a tha sinn tàireil ad shùilean‐sa? 4 Tha e a’ reubadh anama na chorraich: air do shon‐sa an trèigear an talamh? Agus an atharraichear a’ charraig as a h‑àite? 5 Seadh, cuirear solas an aingidh as: agus cha dealraich lasair a theine. 6 Dorchaichear an solas na phàillean, agus cuirear as a lòchran aige. 7 Cumhangaichear ceuman a neirt, agus tilgidh a chomhairle fhèin sìos e: 8 Oir cuirear ann an lìon e le a chasan fhèin, agus air ribe imichidh e. 9 Glacaidh an còrd air shàil e; buadhaichidh am fear‐reubainn na aghaidh. 10 Falaichte anns an talamh tha ribe air a shon, agus inneal‐glacaidh air a shon air an t‑slighe. 11 Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chasan e. 12 Bidh a neart air a chlaoidh le acras, agus lèirsgrios deas aig a thaobh. 13 Ithidh e suas neart a chraicinn; ithidh ciad‐ghin a’ bhàis suas a neart. 14 Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann. 15 Gabhaidh e còmhnaidh na phàillean, a chionn nach leis‐san e; crathar pronnasg air a àite‐còmhnaidh. 16 Shìos tiormaichear a fhreumhan, agus shuas gearrar air falbh a bhàrr. 17 Sgriosar a chuimhne as an talamh, agus cha bhi ainm aige air an t‑sràid. 18 Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e. 19 Cha bhi mac aige, no mac a mhic am measg a shluaigh, no neach a mhaireas na àitean‐còmhnaidh. 20 Ri a là bidh ioghnadh orrasan a thig na dhèidh, mar a ghlac uamhas iadsan a thàinig roimhe. 21 Gu deimhinn is iad sin ionadan‐còmhnaidh an aingidh; agus is e seo a àite‐san, do nach aithne Dia. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society