Iob 17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Rinn Iob gearan an aghaidh a chàirdean, agus thug e a chùis an làthair Dhè. 11 Chaidh a dhòchas anns a’ bheatha seo thairis. 1 Thruailleadh m’anail; ghearradh as mo làithean; tha na h‑uaighean air mo shon‐sa. 2 Nach eil luchd‐fanaid maille rium? Agus nam brosnachadh nach eil mo shùil a’ buanachadh? 3 Cuir sìos a‑nis, thoir dhomh urras maille riut: cò esan a ghlacas mo làmh? 4 Oir dh’fhalaich thu an cridhe o thuigse; uime sin chan àrdaich thu iad. 5 Esan a nì miodal ra chàirdean, fàilnichidh sùilean a chloinne. 6 Agus rinn e mi am ghnàth‐fhacal don t‑sluagh; agus tha mi mar bhall‐fochaid romhpa. 7 Agus dhorchaich mo shùil le bròn, agus tha mo bhuill uile mar sgàil. 8 Bidh uamhas air na h‑ionracain airson seo; agus dùisgidh an neo‐chiontach an aghaidh a’ chealgair. 9 Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt. 10 Ach air ur son‐se uile, tillibh agus thigibh a‑nis; agus chan fhaigh mi duine glic nur measg. 11 Chaidh mo làithean thairis, bhriseadh mo smuaintean air falbh, seilbh mo chridhe. 12 An oidhche tionndaidhidh iad gu là: tha solas goirid a‑thaobh dorchadais. 13 Ma dh’fheitheas mi, is i an uaigh mo thaigh: anns an dorchadas rinn mi mo leabaidh. 14 Ri truaillidheachd thubhairt mi, Is tu m’athair; ris a’ chnuimh, Is tu mo mhàthair, agus mo phiuthar. 15 Agus càit a‑nis a bheil mo dhòchas? Seadh, mo dhòchas‐sa, cò a chì e? 16 Gu crannan an t‑sluic thèid iad sìos: an sin bidh ar fois cuideachd anns an duslach. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society