Iob 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chronaich Iob a chàirdean do bhrìgh gun robh iad nan luchd‐comhfhurtachd truagh. 7 Chuir e an cèill an doilgheas a thàinig air; 17 agus thagair e a neochiontas. 1 Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Chuala mi mòran den leithidean sin: is luchd‐comhfhurtachd truagh sibh uile. 3 Am bi crìoch air briathran gaoithe? No ciod a tha a’ toirt an dànadais dhut gu bheil thu a’ freagairt? 4 Dh’fhaodainn‐sa mar an ceudna labhairt cosmhail ribhse: nam biodh ur n‑anam an àite m’anama‑sa, dh’fhaodainn briathran a chur cuideachd nur n‑aghaidh, agus mo cheann a chrathadh ribh: 5 Ach neartaichinn sibh lem bheul, agus lùghdaicheadh gluasad mo bhilean ur doilgheas. 6 Ged labhair mise, cha lùghdaichear mo dhoilgheas; agus ma bhios mi am thosd, ciod am fuasgladh a gheibh mi? 7 Ach a‑nis sgìthich e mi: sgap thu mo chuideachd uile. 8 Agus rinn thu mi làn phreasag‐aodainn; mar fhianais tha sin: agus dh’èirich mo chaoile am aghaidh; rim aodann freagraidh i. 9 Reub a chorraich mi, agus tha fuath aige dhomh: chas e a fhiaclan rium; tha mo nàmhaid a’ geurachadh a shùl orm. 10 Chas iad am beul rium; le masladh bhuail iad mo ghiallan; cuideachd chruinnich iad am aghaidh. 11 Thug Dia mi thairis don an‑diadhaidh, agus an làimh nan aingidh thilg e mi. 12 Ann an sìth bha mi, ach phronn e mi: agus rug e air mo mhuineal, agus chrath e as a chèile mi, agus chuir e suas mi dha fhèin mar chuspair. 13 Tha a luchd‐shaighead gam chuartachadh air gach taobh: sgoiltidh e m’àirnean o chèile, agus cha chaomhain e; taomaidh e a‑mach mo dhomblas air an talamh. 14 Brisidh e mi le briseadh air bhriseadh; ruithidh e orm mar churaidh. 15 Dh’fhuaigh mi sac‐aodach air mo chraiceann, agus shalaich mi m’adharc anns an duslach. 16 Tha m’aodann air at le gal, agus air mo rosgan tha sgàil a’ bhàis; 17 Chan ann airson euceirt am làmhan: mar an ceudna tha m’ùrnaigh glan. 18 A thalaimh, na còmhdaich thusa m’fhuil, agus na biodh àit aig mo ghlaodh. 19 Mar an ceudna a‑nis, feuch, anns na nèamhan tha m’ fhianais, agus esan a bheir teisteas orm anns na h‑àrdan. 20 A’ fanaid orm tha mo chàirdean; a‑chum Dhè tha mo shùil a’ taomadh dheur. 21 O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach! 22 Nuair a thig beagan de bhliadhnachan, an sin anns an t‑slighe air nach till mi siùbhlaidh mi. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society