Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’aslaich Iob fad‐fhulangas Dhè, do bhrìgh gu bheil an duine air bheag làithean agus làn àmhghair. 13 Dh’iarr e àite tàimh gus an tigeadh crìoch an àimsir suidhichte aige.

1 Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr‐shaoghalach, agus làn àmhghair.

2 Mar bhlàth thig e a‑mach, agus gearrar sìos e: agus teichidh e mar sgàil, agus chan fhan e.

3 Gidheadh air a leithid sin dh’fhosgail thu do shùilean; agus mise tha thu a’ tabhairt gu breitheanas maille riut.

4 Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.

5 Gu deimhinn tha a làithean suidhichte, tha àireamh a mhìos agadsa, dh’òrdaich thu a chrìochan, agus cha tèid e thairis orra.

6 Tionndaidh uaithe a‑chum gum bi fois aige, gus an coilean e mar fhear‐tuarasdail a là.

7 Oir tha dòchas à craoibh, mar ghearrar sìos i, gum fàs i a‑rìs, agus nach fàilnich a faillean òg.

8 Ged fhàs a freumh sean anns an talamh, agus anns an ùir ged bhàsaich a stoc;

9 Trìd fhàile an uisge ùr‑fhàsaidh i, agus bheir i a‑mach geugan mar òg‑chraoibh.

10 Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e?

11 Fàilnichidh na h‑uisgeachan on mhuir, agus caithear an abhainn, agus tiormaichidh i suas:

12 Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad.

13 Och, nach falaicheadh tu mi anns an uaigh, nach gleidheadh tu mi ann an uaigneas, gus am biodh d’fhearg thairis! Nach suidhicheadh tu dhomh àm àraidh, agus gun cuimhnicheadh tu mi!

14 Ma bhàsaicheas duine, an tig e beò? Uile làithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an tig mo chaochladh.

15 Gairmidh tusa, agus freagraidh mise thu: air obair do làmh bidh dèidh agad.

16 Oir a‑nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach eil thu ri faire air mo pheacadh?

17 Seulaichte ann an ceanglachan tha m’easaontas, agus fuaighidh tu suas m’euceart.

18 Agus gu deimhinn tuitidh a’ bheinn, agus thèid as dhi; agus atharraichear a’ charraig as a h‑àite.

19 Caithidh na h‑uisgeachan na clachan: bheir thu tuil air na nithean a dh’fhàsas à ùir na talmhainn, agus sgriosaidh tu dòchas an duine.

20 Buadhaichidh tu gu bràth na aghaidh, agus siùbhlaidh e: caochlaidh tu a ghnùis, agus cuiridh tu air falbh e.

21 Urramach fàsaidh a mhic, agus cha bhi fhios aige air; agus ìslichear iad, ach cha toir e fa‑near iad.

22 Ach bidh a fheòil an taobh a‑staigh dheth cràiteach, agus nì a anam an taobh a‑staigh dheth bròn.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan