Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chronaich Iob a chàirdean do bhrìgh gun do labhair iad gu h‑aingidh as leth Dhè: 14 ged nach do thuig e adhbhar a thrioblaid cha d’fhàilnich a dhòchas: 20 dh’iarr e fios fhaghail air a pheacaidhean.

1 Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e.

2 Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse.

3 Ach labhrainn‐sa ris an Uile‐chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.

4 Oir is luchd‐cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile.

5 O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.

6 Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean.

7 An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon‐san an labhair sibh gu cealgach?

8 An gabh sibh ra ghnùis? Airson Dhè an dèan sibh còmhstri?

9 A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?

10 Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh ann an uaigneas ri pearsachan.

11 Nach cuir a òirdhearcas‐san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann‐san oirbh?

12 Tha ur cuimhne cosmhail ri luaithre, mar chuirp creadha ur cuirp.

13 Bithibh nur tosd am thaobh‐sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas.

14 Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh?

15 Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais.

16 Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair.

17 Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus rim sgeul le ur cluasan.

18 Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.

19 Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò.

20 A‑mhàin dà nì na dèan rium; an sin od ghnùis chan fhalaich mi mi fhèin.

21 Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm.

22 An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi.

23 Cia lìonmhor m’euceartan agus mo pheacaidhean? Air m’easaontas agus mo pheacadh thoir fios dhomh.

24 Carson a tha thu a’ falach do ghnùise, agus gam mheas mar nàmhaid dhut?

25 Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram?

26 Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh.

27 Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur‐amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas.

28 Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan