Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ann an searbhas anama thagair Iob a chùis an làthair Dhè: 18 tha e a’ caoidh nach tug e suas an deò gun sùil ga fhaicinn. 20 Ghuidh e air Dia beagan comhfhurtachd a thabhairt dha.

1 Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.

2 Their mi ri Dia, Na dìt mi; thoir fios dhomh carson a tha thu a’ cur am aghaidh.

3 Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?

4 A bheil sùilean feòla agad? An ann mar a chì duine a chì thusa?

5 An ann mar làithean duine a tha do làithean‐sa? A bheil do bhliadhnachan mar làithean duine,

6 Gun sireadh tu airson m’euceirt, agus gun rannsaicheadh tu airson mo pheacaidh?

7 Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.

8 Shaothraich do làmhan‐sa mi, agus rinn iad mi coicheart mun cuairt; agus an sgrios thu mi?

9 Cuimhnich, guidheam ort, gur ann mar chriadh a rinn thu mi; agus gu duslach an tionndaidh thu mi a‑rìs?

10 Mar bhainne nach do thaom thu mi a‑mach, agus mar chàise nach do dhaingnich thu mi?

11 Le craiceann agus le feòil chòmhdaich thu mi, agus le cnàmhan agus fèithean‐luthaidh dhìon thu mi.

12 Beatha agus coibhneas dheònaich thu dhomh, agus choimhead do fhreasdal mo spiorad.

13 Agus na nithean seo dh’fhalaich thu ad chridhe: tha fhios agam gu bheil seo agad.

14 Ma pheacaicheas mi, bheir thu fa‑near mi, agus om euceart cha saor thu mi.

15 Ma bhios mi aingidh, mo thruaighe mi! Agus ma bhios mi ionraic, cha tog mi mo cheann. Làn maslaidh tha mi, agus faic fhèin m’àmhghar;

16 Oir tha e a’ meudachadh; mar leòmhann garg tha thu a’ sealg orm: agus a‑rìs tha thu gad nochdadh fhèin iongantach orm.

17 Tha thu ag ath‐nuadhachadh d’fhianaisean am aghaidh, agus a’ meudachadh do chorraich rium; tha caochladh agus cogadh am aghaidh.

18 Carson, matà, a thug thu a‑mach as a’ bhroinn mi? Och nach tug mi suas an deò, gun sùil gam fhaicinn!

19 Bhithinn mar nach bithinn ann: on bhroinn a dh’ionnsaigh na h‑uaighe bhithinn air mo ghiùlan.

20 Nach tearc mo làithean? Sguir, matà, agus leig leam, agus gum faigh mi beagan comhfhurtachd,

21 Mun siubhail mi, agus nach till mi tuilleadh, gu tìr an dorchadais agus sgàil a’ bhàis;

22 Tìr dorchadais mar dhuibhre sgàil a’ bhàis; agus as eugmhais gach riaghailt, agus far a bheil an solas mar dhorchadas.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan