Iob 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ionracas, teaghlach, agus maoin Iob. 6 Rinn Sàtan casaid bhrèige na aghaidh. 13 Dh’innseadh do Iob gun tugadh a mhaoin air falbh, agus gun d’fhuair a chlann bàs. 20 Na theanntachd bheannaich e Dia. 1 Bha duine ann an tìr Uis dom b’ainm Iob; agus bha an duine sin coileanta agus dìreach, agus na neach air an robh eagal Dhè, agus a sheachainn olc. 2 Agus rugadh dha seachd mic agus trì nigheanan. 3 Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear. 4 Agus chaidh a mhic agus rinn iad cuirm aig an taigh, gach fear air a là fhèin; agus chuir iad fios, agus thug iad cuireadh dan trì peathraichean a dh’ithe agus a dh’òl maille riu. 5 Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt‐loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là. 6 A‑nis bha là air an tàinig mic Dhè gu seasamh an làthair an Tighearna; agus thàinig mar an ceudna Sàtan nam measg. 7 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air. 8 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? 9 Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, An ann an asgaidh a tha eagal Dhè air Iob? 10 Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr: 11 Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu. 12 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach nì a tha aige ad làimh‐sa: a‑mhàin air fhèin na cuir do làmh. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna. 13 Agus bha là air an robh a mhic agus a nigheanan ag ithe agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine: 14 Agus thàinig teachdaire gu Iob, agus thubhairt e, Bha na daimh ag àr, agus na h‑asail ag ionaltradh làimh riu; 15 Agus leum na Sabèanaich orra, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh: agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut. 16 Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Thuit teine Dhè o na nèamhan, agus loisg e na caoraich, agus na h‑òglaich, agus chuir e as dhaibh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut. 17 Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Rinn na Caldèanaich suas trì buidhnean, agus thug iad ionnsaigh air na càmhail, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise am aonar a dh’innse dhut. 18 Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Bha do mhic agus do nigheanan ag ithe, agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine: 19 Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut. 20 An sin dh’èirich Iob, agus reub e a fhallaing, agus bheàrr e a cheann, agus thuit e sìos air an talamh, agus rinn e adhradh. 21 Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna. 22 Ann an seo uile cha do pheacaich Iob, agus cha do labhair e gu h‑amaideach an aghaidh Dhè. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society