Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 46 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ro‑innis Ieremiah gum buaileadh Nebuchadnesar feachd rìgh na h‑Èiphit. 27 Thug e comhfhurtachd do Iàcob na bhraighdeanas.

1 Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah am fàidh, mu thimcheall nan cinneach;

2 Mu thimcheall na h‑Èiphit. A‑thaobh feachd Phàraoh‐necho rìgh na h‑Èiphit, a bha ri taobh na h‑aibhne Euphràteis ann an Carchemis, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim, mhic Iosiah, rìgh Iùdah.

3 Ullaichibh an targaid agus an sgiath, agus dlùthaichibh a‑chum a’ chatha.

4 Uidhimichibh na h‑eich, agus rachaibh air am muin, a mharc‐shluaigh; agus seasaibh a‑mach le ceann‐bheartan; lìomhaibh na sleaghan, cuiribh oirbh na lùirichean.

5 Cuime am faca mi iad seo fo gheilt, agus a’ gabhail na ruaige? Tha eadhon an daoine cumhachdach air an claoidh; seadh a’ teicheadh gu luath, agus gun iad a’ sealltainn nan dèidh. Tha eagal air gach làimh, deir an Tighearna.

6 Na teicheadh am fear luath, agus na rachadh am fear làidir as; a làimh na h‑àird a tuath, ri taobh na h‑aibhne Euphrateis, thuislich, agus fhuair iad leagadh.

7 Cò seo a’ teachd a‑nìos mar abhainn, agus a h‑uisgeachan ag atadh mar thuiltean?

8 Dh’èirich an Eiphit mar abhainn, tha a h‑uisgeachan ag atadh mar thuiltean, agus tha i ag ràdh, Thèid mi suas, còmhdaichidh mi am fearann, sgriosaidh mi a’ chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh.

9 Rachaibh air ur n‑eich, agus bithibh air mhire‐chatha; air na carbadan, agus rachadh na fir‐chogaidh a‑mach: na h‑Etiopaich, agus na Libianaich a ghlacas an sgiath, agus na Lidianaich a ghlacas agus a chuireas air lagh am bogha.

10 Oir is e seo là Tighearna nan sluagh, là dìoghaltais, a‑chum e fhèin a dhìoladh air a naimhdean; agus sluigidh an claidheamh, agus bidh e sàthach, agus cuirear air mhisg e lem fuil: oir tha ìobairt aig Tighearna nan sluagh anns an tìr mu thuath, làimh ri abhainn Euphràteis.

11 Theirig suas gu Gilead, agus gabh ìocshlaint, O òg‑bhean, a nighean na h‑Eiphit; is dìomhain dhut mòran chungaidhean‐leighis a ghnàthachadh; air do leigheas cha bhi thu.

12 Chuala na cinnich do mhasladh, agus lìon do ghaoir an talamh: oir thuislich iad, an laoch an aghaidh an laoich; thuit iad araon le chèile.

13 Am facal a labhair an Tighearna ri Ieremiah am fàidh, mu theachd Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, a bhualadh tìr na h‑Eiphit.

14 Foillsichibh anns an Eiphit, agus cuiribh an cèill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, agus ann an Tahpanes abraibh: Seas daingeann, agus deasaich thu fhèin; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a tha mun cuairt dhut.

15 Cuime a bheil do chumhachdaich air an leagail? Cha do sheas iad a chionn gun do thilg an Tighearna sìos iad.

16 Thug e air mòran tuisleachadh, seadh, tuiteam air muin a chèile: thubhairt iad uime sin, Thigibh, agus tilleamaid gu ar sluagh fhèin, agus gu tìr ar dùthchais, o chlaidheamh a’ mhillteir.

17 Dh’èigh iad an sin, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, chuir ioma‑luasgadh bacadh air a’ choinneamh a shuidhicheadh.

18 Mar as beò mise, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh, gu deimhinn mar Thabor am measg nam beann, agus mar Charmel ri taobh na fairge, thig e.

19 Cuir d’àirneis an uidheam airson dol air ghluasad, O nighean a tha a chòmhnaidh anns an Eiphit; oir bidh Noph na fhàsach, bidh e fòs na làraich sgaoilte, gun aon ga àiteachadh.

20 Is agh air a bheil aogas àlainn an Eiphit; tha milleadh on àird a tuath a’ teachd na h‑aghaidh.

21 Tha a fir‐thuarasdail fòs na meadhon mar dhaimh bhiadhte; gidheadh thionndaidh eadhon iadsan an cùlaibh, theich iad le chèile, cha do sheas iad; a chionn gun tàinig orra là an aimhleis, aimsir an smachdachaidh.

22 Thèid a ghuth a‑mach mar ghuth nathrach; oir gluaisidh iad mar armailt, agus thig iad na h‑aghaidh le tuaghan, mar luchd‐gearradh chraobh.

23 Gearraibh sìos a coillteach, tha an Tighearna ag ràdh, air chor is nach bi i ra faotainn le iarraidh; ged is lìonmhoire iad na lòcaist, agus ged nach faodar an àireamh.

24 Tha amhluadh air nighinn na h‑Eiphit; thugadh thairis i do làimh sluagh na h‑àird a tuath.

25 Thubhairt Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, smachdaichidh mise Amon, No, agus Phàraoh, agus an Eiphit, agus a diathan, agus a rìghrean; eadhon Phàraoh agus iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

26 Agus bheir mi thairis iad do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, eadhon do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh a sheirbhiseach: agus na dhèidh sin àitichear i, mar anns na làithean o shean, deir an Tighearna.

27 Ach na biodh eagal ortsa, O Iàcoib, m’òglach, agus na biodh geilt ort, O Israeil; oir, feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth; agus cha bhi aon neach ann a chur eagail air.

28 Na biodh eagal ort, O Iàcoib, m’òglach, deir an Tighearna, oir tha mise maille riut; ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus chan fhuiling mi dhut dol as gu h‑iomlan saor.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan