Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 45 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Nuair a bha Baruch fo eagal thug Ieremiah misneach dha.

1 Am facal a labhair Ieremiah am fàidh ri Baruch mac Neriah, nuair a sgrìobh e na briathran seo ann an leabhar o bheul Ieremiah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, ag ràdh,

2 Mar seo labhair an Tighearna Dia Israeil dod thaobh‐sa, O Bharuich;

3 Thubhairt thu, Mo thruaighe mise a‑nis! Oir chuir an Tighearna bròn rim dhoilgheas; tha mi sgìth lem osnaidhean, agus fois air bith cha d’fhuair mi!

4 Mar seo their thu ris, Mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, an nì sin a thog mi, tilgidh mi sìos; agus an nì sin a shuidhich mi spìonaidh mi a‑nìos; eadhon am fearann seo gu h‑iomlan.

5 Agus a bheil thusa ag iarraidh air do shon fhèin nithean mòra? Na iarr: oir, feuch, bheir mise olc air a h‑uile fheòil, tha an Tighearna ag ràdh: ach bheir mi dhutsa d’anam mar chobhartach anns a h‑uile àite gus an tèid thu.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan