Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 44 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chronaich Ieremiah na h‑Iùdhaich anns an Èiphit airson an iodhal‐adhraidh: 11 Dh’innis e ro‑làimh an lèir‐sgrios. 15 Aingidheachd agus reasgachd nan Iùdhach.

1 Am facal a thàinig gu Ieremiah mu thimcheall nan uile Iùdhach a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit, a tha a chòmhnaidh aig Migdol, agus aig Tahpanes, agus aig Noph, agus ann an dùthaich Phatrois, ag ràdh,

2 Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, chunnaic sibh an t‑uile olc a thug mise air Ierusalem agus air uile bhailtean Iùdah; oir feuch an‑diugh tha iad nam fàsach, agus chan eil neach gan àiteachadh.

3 Airson an aingidheachd a chuir iad an gnìomh, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg, le iad a dhol a losgadh tùise, gu seirbhis a thoirt do dhiathan eile nach b’aithne dhaibh: dhaibhsan, dhuibhse, no dur n‑athraichean.

4 Chuir mi mar an ceudna dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach, ag ràdh, Guidheam oirbh, na dèanaibh an nì gràineil seo as fuathach leamsa.

5 Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thionndaidh iad an cluas, gu tilleadh on aingidheachd, agus gun tùis a losgadh do dhiathan eile.

6 Uime sin bha m’fhearg agus mo chorraich air a taomadh a‑mach, agus air a lasadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, agus tha iad nam fàsach, agus nan làraich sgaoilte, mar air an là‑an‑diugh.

7 Agus a‑nis mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil; Cuime a bheil sibh a’ cur an gnìomh an uilc mhòir seo an aghaidh ur n‑anama fhèin, a ghearradh as uaibh an fhir agus na mnà, an leinibh agus an naoidhein, a‑mach à Iùdah; ionnas nach fàgar fuidheall beò dhibh;

8 Agus gu bheil sibh gam bhrosnachadh‐sa gu corraich le obraichean ur làmh, a’ losgadh tùise do dhiathan coimheach ann an tìr na h‑Eiphit, a‑chum a bheil sibh air dol a ghabhail còmhnaidh; a‑chum gum biodh sibh air ur gearradh as, agus gum biodh sibh nur mallachadh, agus nur masladh am measg uile chinnich na talmhainn?

9 An do dhìochuimhnich sibh aingidheachd ur n‑athraichean, agus aingidheachd rìghrean Iùdah, agus aingidheachd am mnathan, agus ur n‑aingidheachd fhèin, agus aingidheachd ur ban, a chuir iad an gnìomh ann am fearann Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim?

10 Chan eil iad air an irioslachadh gus an là‑an‑diugh, cha mhò a ghabh iad eagal, no a ghluais iad ann am lagh‐sa, no ann am reachdan a chuir mi romhaibhse, agus ro ur n‑athraichean.

11 Uime sin mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh a‑chum uilc, eadhon a‑chum Iùdah uile a ghearradh air falbh.

12 Agus gabhaidh mi fuidheall Iùdah, a chuir an aghaidh ri dol do thìr na h‑Eiphit gu fantainn ar chuairt an sin, agus caithear iad uile ann an tìr na h‑Eiphit; tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, caithear iad leis a’ ghort; on bheag gus a’ mhòr, bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort; agus bidh iad nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nam mallachd, agus nam masladh.

13 Agus smachdaichidh mi iadsan a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, mar a smachdaich mi Ierusalem, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh.

14 Agus de fhuidheall Iùdah a tha air teachd air chuairt don Eiphit, cha bhi neach a thèid as no a mhaireas beò, gu tilleadh do thìr Iùdah, a‑chum a bheil iad an geall air tilleadh a ghabhail còmhnaidh; seadh, cha till ach iadsan a thèid as.

15 An sin na h‑uile dhaoine aig an robh fhios gun do loisg am mnathan tùis do dhiathan eile, agus na h‑uile mhnathan a sheas dlùth, sluagh mòr, eadhon an t‑uile shluagh a bha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, ann am Patros, fhreagair iad Ieremiah, ag ràdh,

16 A‑thaobh an fhacail a labhair thu rinn ann an ainm an Tighearna, chan èisd sinn riut,

17 Ach nì sinn gu deimhinn gach uile nì a thig a‑mach as ar beul fhèin, a losgadh tùise do bhànrighinn nèimh, agus a thaomadh a‑mach thabhartas‐dibhe dhi; amhail a rinn sinn, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, ar rìghrean, agus ar n‑uaislean, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim: oir an sin bha pailteas bìdh againn, agus shoirbhich leinn, agus chan fhaca sinn olc air bith.

18 Ach on àm anns an do sguir sinn de losgadh tùise do bhànrighinn nèimh, agus de thaomadh a‑mach thabhartas‐dibhe dhi, bha easbhaidh nan uile nithean oirnn, agus bha sinn air ar caitheamh leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort.

19 Agus nuair a loisg sinn tùis do bhànrighinn nèimh, agus a dhòirt sinn a‑mach tabhartasan‐dibhe dhi, an do rinn sinn breacagan dhi ga h‑adhradh, agus a dhòrtadh thabhartas‐dibhe dhi, as eugmhais ar fear?

20 An sin labhair Ieremiah ris an uile shluagh, ris na fir, agus ris na mnathan, agus ris an uile shluagh a thug dha freagradh, ag ràdh,

21 An tùis a loisg sibh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, sibh fhèin, agus ur n‑athraichean, ur rìghrean, agus ur n‑uachdarain, agus sluagh an fhearainn, nach do chuimhnich an Tighearna iad, agus nach tàinig iad na aire?

22 Air chor is nach faodadh an Tighearna giùlan leibh na b’fhaide, airson aingidheachd ur dèanadais, airson nan gràinealachdan a chuir sibh an gnìomh: air an adhbhar sin tha ur fearann na fhàsach, agus na uamhas, agus na mhallachd, gun aon fhear‐àiteachaidh, mar air an là‑an‑diugh.

23 A chionn gun do loisg sibh tùis, agus a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill do ghuth an Tighearna, cha mhò a ghluais sibh na lagh, no na reachdan, no na àitheantan: air an adhbhar sin, tha an t‑olc seo air teachd oirbh, mar air an là‑an‑diugh.

24 Os bàrr, thubhairt Ieremiah ris an t‑sluagh uile, agus ris na mnathan uile, Eisdibh facal an Tighearna, uile Iùdah a tha an tìr na h‑Eiphit;

25 Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Labhair sibh fhèin agus ur mnathan le ur beòil, agus chuir sibh an gnìomh le ur làmhan, ag ràdh, Coileanaidh sinn gu deimhinn ar bòidean a thug sinn, gu tùis a losgadh do bhànrighinn nèimh, agus tabhartasan‐dibhe a dhòrtadh a‑mach dhi: nì sibh gu deimhinn ur bòidean a dhaingneachadh, agus nì sibh gu deimhinn ur bòidean a choileanadh.

26 Uime sin èisdibh facal an Tighearna, uile Iùdah, a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit: Feuch, mhionnaich mise air m’ainm mòr, deir an Tighearna, nach bi m’ainm nas mò air ainmeachadh ann am beul duine air bith de Iùdah, ann an uile thìr na h‑Eiphit, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna Dia.

27 Feuch, nì mise faire os an cionn airson uilc, agus chan ann airson maith, agus sgriosar gach duine de Iùdah a tha an tìr na h‑Eiphit, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, gus am bi làn chrìoch orra.

28 Agus a’ mhuinntir a thèid as on chlaidheamh, tillidh iad o thìr na h‑Eiphit gu tìr Iùdah, tearc ann an àireamh: agus aithnichidh uile fhuidheall Iùdah a chaidh air chuairt do thìr na h‑Eiphit cò am facal a sheasas, m’fhacal‐sa, no am facal‐san.

29 Agus bidh seo mar chomharradh dhuibh, deir an Tighearna, gur mise a smachdaich sibh anns an àite sin, a‑chum gun aithnich sibh gu cinnteach gun seas mo bhriathran‐sa nur n‑aghaidh a‑chum ur dochainn:

30 Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise Phàraoh‐hophra, rìgh na h‑Eiphit, do làimh a naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh a anama; mar a thug mi Sedeciah rìgh Iùdah do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus fear‐tòrachd a anama.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan