Ieremiah 42 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’iarr ceannardan an fheachd air Ieremiah ùrnaigh a dhèanamh ri Dia air an son. 5 Gheall iad a bhith ùmhal do fhacal an Tighearna. 7 Dh’innis am fàidh dhaibh gum bitheadh iad tèarainte ann an Iudea, ach gun sgrioseadh iad nan rachadh iad sìos don Èiphit. 19 Thug e achmhasan dhaibh airson an ceilge. 1 An sin thàinig am fagas uile cheannardan an fheachd, agus Iohanan mac Chareh, agus Iesaniah mac Hosaiah, agus an sluagh gu h‑iomlan, on bheag gus a’ mhòr; 2 Agus thubhairt iad ri Ieremiah am fàidh, Biodh ar n‑athchuinge, guidheamaid ort, taitneach ann ad làthair, agus dèan ùrnaigh air ar son ris an Tighearna do Dhia, eadhon airson an iarmaid seo uile (oir cha d’fhàgadh dhinn ach beagan de mhòran, mar tha do shùilean gar faicinn), 3 Gun seòladh an Tighearna do Dhia dhuinn an t‑slighe anns an gluais sinn, agus an nì a tha sinn ri dhèanamh. 4 Agus thubhairt Ieremiah am fàidh riu, Chuala mi; feuch, nì mise ùrnaigh ris an Tighearna ur Dia a rèir ur briathran; agus tàrlaidh, ge bè freagradh a bheir an Tighearna dhuibh, gun innis mise dhuibh e: cha chùm mi nì sam bith air ais uaibh. 5 Agus thubhairt iad ri Ieremiah, Biodh an Tighearna na fhianais fhìor agus dhìleas eadarainn, mura dèan sinne gach nì airson an cuir an Tighearna do Dhia dar n‑ionnsaigh thu. 6 Mas math no mas olc e, bheir sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, gus a bheil sinn gad chur; a‑chum gun èirich gu math dhuinn nuair a bhios sinn umhail do ghuth an Tighearna ar Dia. 7 Agus thàrladh an ceann deich làithean gun tàinig guth an Tighearna gu Ieremiah. 8 An sin ghairm e Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, agus an sluagh uile, on bheag gus a’ mhòr. 9 Agus thubhairt e riu, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, gus an do chuir sibh mise a‑chum ur n‑athchuinge a chur suas na làthair; 10 Ma dh’fhanas sibh an còmhnaidh anns na tìr seo, an sin togaidh mise sibh, agus cha tilg mi sìos; agus suidhichidh mi sibh, agus cha spìon mi a‑nìos; oir is aithreach leam an t‑olc a rinn mi oirbh. 11 Na biodh eagal rìgh Bhàbiloin oirbh, as a bheil sibh a’ gabhail eagail: na biodh eagal oirbh roimhe, deir an Tighearna; oir tha mise leibh gu ur tèarnadh, agus gu ur saoradh as a làimh. 12 Agus nochdaidh mi tròcairean dhuibh, agus gabhaidh esan truas dhibh, agus suidhichidh e sibh nur dùthaich fhèin. 13 Ach ma their sibh, Cha ghabh sinn còmhnaidh anns an fhearann seo; air chor is nach toir sibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia, 14 Ag ràdh, Chan eadh; ach thèid sinn do thìr na h‑Eiphit, far nach faic sinn cogadh sam bith, cha mhò a chluinneas sinn fuaim na trompaid, no a bhios easbhaidh arain oirnn; agus an sin gabhaidh sinn còmhnaidh: 15 (Seadh, a‑nis, uime sin èisdibh facal an Tighearna, O iarmaid Iùdah, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma chuireas sibh da‑rìribh ur n‑aghaidh ri dol don Eiphit, agus gun tèid sibh an sin air chuairt); 16 An sin tàrlaidh gun dèan an claidheamh, ro a bheil eagal oirbh, ur glacadh an sin ann an tìr na h‑Eiphit; agus a’ ghort, ro a bheil eagal oirbh, dlùth‐leanaidh air ur tòir an sin anns an Eiphit; agus an sin gheibh sibh bàs. 17 Is amhlaidh a thachras do na h‑uile dhaoine a chuireas an aghaidh ri dol don Eiphit gu fantainn air chuairt an sin; bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: agus cha bhi aon a mhaireas, no a thèid as on olc a bheir mise orra. 18 Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Mar a bha m’fhearg agus mo chorraich air a dòrtadh a‑mach air luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, is amhlaidh a bhios mo chorraich air a dòrtadh a‑mach oirbhse an tràth thèid sibh a‑steach don Eiphit: agus bidh sibh nur mallachadh, agus nur n‑uamhas, agus nur mallachd, agus nur masladh; agus chan fhaic sibh an t‑àite seo nas mò. 19 Is e facal an Tighearna dur taobh‐se, O fhuidhill Iùdah, Na rachaibh don Eiphit; biodh fios cinnteach agaibh gun tug mise rabhadh dhuibh an‑diugh. 20 Gu deimhinn chuir sibh an gnìomh cealg an aghaidh ur n‑anama fhèin: oir chuir sibh mise a‑chum an Tighearna ur Dia, ag ràdh, Guidh air ar son‐ne ris an Tighearna ar Dia, agus a rèir gach nì a their an Tighearna ar Dia, mar sin innis dhuinn, agus nì sinne. 21 Agus dh’innis mise dhuibh air an là‑an‑diugh, ach cha tug sibhse gèill do ghuth an Tighearna ur Dia, no do aon nì airson an do chuir e mise dur n‑ionnsaigh. 22 Air an adhbhar sin biodh dearbh fhios agaibh gum bàsaich sibh leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, anns an àite gus an àill leibh siubhal gu fantainn air chuairt. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society