Ieremiah 34 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ro‑innis am fàidh sgrios Ierusaleim, agus dàn Shedeciah. 8 Leig na h‑uachdarain dhan òglaich agus dham banoglaich falbh saor a rèir a’ choicheangail, 11 ach thug iad fo smachd iad a‑rìs. 12 Ghairm am fàidh saorsa don chlaidheamh, don phlàigh, agus don ghort an aghaidh nan Iùdhach. 1 Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna (nuair a chog Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd, agus uile rìoghachdan an domhain a bha fo a thighearnas, agus na slòigh uile, an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh a h‑uile bhailtean), ag ràdh, 2 Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus labhair ri Sedeciah rìgh Iùdah, agus abair ris, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus loisgidh e i le teine: 3 Agus thusa, cha tèid thu as o làimh, ach bidh tu gu cinnteach air do ghlacadh, agus air do thoirt thairis da làimh, agus chì do shùilean rìgh Bhàbiloin, agus labhraidh e riut beul ri beul, agus falbhaidh tu gu Bàbilon. 4 Gidheadh cluinn facal an Tighearna, O Shedeciah, a rìgh Iùdah: Mar seo deir an Tighearna dod thaobh‐sa, Chan fhaigh thu bàs leis a’ chlaidheamh; 5 Gheibh thu bàs ann an sìth; agus a rèir losgadh d’athraichean, na rìghrean roimhe seo, a bha air thoiseach ortsa, is amhlaidh a loisgear tùis dhutsa; agus nì iad caoidh air do shon, ag ràdh, Och a thighearna! oir labhair mise am facal, deir an Tighearna. 6 Agus labhair Ieremiah am fàidh na briathran seo uile ri Sedeciah rìgh Iùdah, ann an Ierusalem, 7 Nuair a chog feachd rìgh Bhàbiloin an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh uile bhailtean Iùdah a bha air am fàgail, an aghaidh Lacheis, agus an aghaidh Asecah: oir mhair iad seo de bhailtean Iùdah nam bailtean daingnichte. 8 Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, an dèidh do rìgh Sedeciah coicheangal a dhèanamh ris an uile shluagh a bha ann an Ierusalem, a dh’èigheach saorsa dhaibh: 9 A‑chum gun leigeadh gach duine da òglach, agus gach duine da bhanoglaich, Eabhrach no ban‐Eabhrach, falbh saor, gun neach a ghabhail seirbhis dhiubh, gach aon a’ toirt saorsa do Iùdhach, a bhràthair. 10 A‑nis, nuair a chuala na h‑uachdarain uile, agus an sluagh uile a thionnsgain anns a’ choicheangal, gun leigeadh gach duine da òglach, agus gach duine da bhanoglaich falbh saor, nach gabhadh aon seirbhis dhiubh na bu mhò, an sin thug iad gèill, agus leig iad air falbh iad. 11 Ach thionndaidh iad a‑rìs, agus thug iad air na h‑òglaich, agus air na banoglaich, a leigeadh air falbh saor, tilleadh air an ais, agus thug iad fo smachd iad, a‑chum a bhith nan òglaich, agus nam banoglaich. 12 Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh, 13 Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Rinn mise coicheangal ri ur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a‐mach à tìr na h‑Eiphit, à taigh nan daor, ag ràdh, 14 An ceann seachd bliadhna, leigibh a chead, gach aon da bhràthair Eabhrach, a bha air a reic riut: nuair a bheir e seirbhis dhut sia bliadhna, leigidh tu dha falbh uat saor. Ach cha d’èisd ur n‑athraichean riumsa, cha mhò a dh’aom iad an cluas. 15 Agus bha sibh a‑nis air tilleadh, agus air dèanamh gu ceart ann am shealladh‐sa, le saorsa a ghlaodhach, gach neach da choimhearsnach; agus rinn sibh coicheangal ann am fhianais, anns an taigh a tha air a ghairm air m’ainm. 16 Ach thill sibh, agus thruaill sibh m’ainm, agus thug sibh, gach aon air a òglach, agus gach aon air a bhanoglaich, a leig e saor uaithe gu a thoil fhèin, tilleadh air an ais; agus chuir sibh fo smachd iad, gu bhith dhuibh nan òglaich agus nam banoglaich. 17 Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, Cha d’èisd sibh riumsa ann an saorsa a ghlaodhach, gach aon da bhràthair, agus gach aon da choimhearsnach: feuch dur taobh‐se tha mise a’ glaodhach saorsa, deir an Tighearna, don chlaidheamh, don phlàigh, agus don ghort; agus bheir mi oirbh a bhith air ur luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain. 18 Agus bheir mi a’ mhuinntir a bhris mo choicheangal, nach do choilean briathran a’ choicheangail a rinn iad ann am làthair‐sa, nuair a gheàrr iad an laogh na dhà leth, agus a dh’imich iad eadar a bhloighdean; 19 Ceannardan Iùdah, agus ceannardan Ierusaleim, agus na caillteanaich, agus na sagartan, agus uile shluagh an fhearainn a dh’imich eadar bloighdean an laoigh; 20 Bheir mi eadhon iad sin do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bidh an cairbhean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn. 21 Agus Sedeciah rìgh Iùdah, agus a phrionnsachan, bheir mise do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, eadhon do làimh feachdan rìgh Bhàbiloin, a tha air imeachd suas uaibh. 22 Feuch, bheir mise àithne, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh air an ais don chathair seo; agus cogaidh iad na h‑aghaidh, agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine; agus bailtean Iùdah nì mi nan làraich sgaoilte, gun aon neach gan àiteachadh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society