Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 33 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dhaingnich Dia a ghealladh do na h‑Iùdhaich gun tilleadh iad om braighdeanas, 10 agus gun cluinneadh a‑rìs nam fearann guth an aoibhneis agus an t‑subhachais. 15 Tha Crìosd air a ghealltainn. 19 Bithidh an coicheangal a rinn Dia ri Daibhidh seasmhach gu bràth.

1 Os bàrr, thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah an dara uair (an tràth bha e fhathast air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain), ag ràdh,

2 Mar seo deir an Tighearna a rinn e, an Tighearna a dhealbh e, a tha fòs ga dhaingneachadh; is e a ainm Iehòbhah;

3 Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach.

4 Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, a‑thaobh taighean na cathrach seo, agus a‑thaobh taighean rìghrean Iùdah, a tha air an tilgeadh sìos leis na h‑innealan‐brisidh, agus leis a’ chlaidheamh;

5 A tha air teachd gu cogadh air taobh nan Caldèanach, agus gu an lìonadh le cuirp mharbha nan daoine a bhuail mise ann am fheirg, agus ann am chorraich, agus a thug orm, airson an uile aingidheachd, mo ghnùis fhalach on chathair seo:

6 Feuch, bheir mi dhi slàinte agus leigheas, agus nì mi an slànachadh; agus nochdaidh mi dhaibh pailteas sìthe agus fìrinn.

7 Agus bheir mi air a h‑ais bruid Iùdah, agus bruid Israeil; agus togaidh mi iad, mar air tùs.

8 Agus glanaidh mi iad on uile aingidheachd, leis an do chiontaich iad am aghaidh; agus maithidh mi an uile lochdan, leis an do pheacaich iad, agus leis an do rinn iad ceannairc am aghaidh.

9 Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh.

10 Mar seo deir an Tighearna, A‑rìs cluinnear anns an àite seo (mum bheil sibhse ag ràdh, Tha e fàs gun duine agus gun ainmhidh, eadhon ann an cathraichean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, a tha fàs, gun duine, eadhon gun fhear‐àiteachaidh, agus gun ainmhidh),

11 Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh‐phòsda, agus guth na mnà nuadh‐phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh‐se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt‐mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.

12 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Fhathast anns an àite seo a tha fàs, gun duine agus gun ainmhidh, agus na uile bhailtean, bidh àite‐còmhnaidh nam buachaillean a’ toirt air an treudan laighe sìos.

13 Ann am bailtean nam beann, agus ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus ann am bailtean na h‑àird a deas, agus ann am fearann Bheniàmin, agus anns na h‑ionadan timcheall Ierusaleim, agus ann am bailtean Iùdah, siùbhlaidh na treudan a‑rìs fo làimh an tì a ghabhas an àireamh, deir an Tighearna.

14 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an coilean mise an nì math sin a gheall mi do thaigh Israeil, agus do thaigh Iùdah.

15 Anns na làithean sin, agus anns an àm sin, bheir mise air Meanglan fìreantachd fàs suas do Dhaibhidh, agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh.

16 Anns na làithean sin tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Ierusalem còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo esan ris an goirear Iehòbhah ar Fìreantachd.

17 Oir mar seo tha Iehòbhah ag ràdh, Cha bhi gu bràth a dh’uireasbhaidh air Daibhidh duine a shuidheas air rìgh‐chathair taigh Israeil;

18 Cha mhò a bhios na sagartan, na Lèbhithich, gun duine ann am làthair‐sa, a dh’ìobradh thabhartas‐loisgte, agus a losgadh thabhartas‐bìdh, agus a dhèanamh ìobairt an còmhnaidh.

19 Thàinig facal an Tighearna fòs gu Ieremiah, ag ràdh,

20 Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar leibh mo choicheangal‐sa ris an là a bhriseadh, agus mo choicheangal ris an oidhche, agus nach bi là no oidhche ann nan àm fhèin;

21 An sin fòs faodar mo choicheangal‐sa ri Daibhidh m’òglach a bhriseadh, gun mhac a bhith aige gu riaghladh air a rìgh‐chathair; agus ris na Lèbhithich, na sagartan, mo luchd‐frithealaidh.

22 Mar nach faod feachd nèimh a bhith air àireamh, no gaineamh na fairge a bhith air a tomhas: is amhlaidh a nì mise lìonmhor sliochd Dhaibhidh m’òglach, agus na Lèbhithich a tha a’ frithealadh dhomh.

23 Os bàrr, thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh,

24 A bheil thu a’ toirt fa‑near ciod a tha an sluagh seo a’ labhairt, ag ràdh, An dà theaghlach a roghnaich an Tighearna, rinn e an tilgeadh uaithe? Agus rinn iad dìmeas air mo shluagh‐sa, air chor is nach eil iad gam meas nas mò mar chinneach.

25 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mura eil mo choicheangal‐sa ris an là agus ris an oidhche; reachdan nèimh agus na talmhainn mura do shocraich mi;

26 An sin tilgidh mi uam sliochd Iàcoib, agus Dhaibhidh m’òglach, gun aon de a shliochd a ghabhail, gu bhith nan luchd‐riaghlaidh thar sliochd Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib: oir bheir mi air a h‑ais am bruid, agus nì mi tròcair orra.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan