Ieremiah 31 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Gheall Dia gu nochdadh e coibhneas do Israel, 9 agus gun treòraicheadh e iad air slighe rèidh. 15 Thugadh comhfhurtachd do Rachel, nuair a bha i a’ gul airson a cloinne. 18 Ghabh Ephraim aithreachas agus thill e a dh’ionnsaidh Dhè. 27 Cùram an Tighearna da eaglais. 1 Anns an àm sin, deir an Tighearna, bidh mise ann am Dhia do uile theaghlaichean Israeil, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh. 2 Mar seo deir an Tighearna, Fhuair an sluagh a dh’fhàgadh leis a’ chlaidheamh coibhneas anns an fhàsach; eadhon Israel, nuair a chaidh mise a thoirt fois dha. 3 O chèin dh’fhoillsicheadh Iehòbhah dhòmhsa, ag ràdh, Seadh, le gràdh sìorraidh ghràdhaich mi thu; uime sin tharraing mi thu le coibhneas gràdhach. 4 A‑rìs togaidh mi thu, agus bidh tu air do thogail, O òigh Israeil; a‑rìs sgeadaichear thu led thiompanan, agus thèid thu a‑mach ann an dannsa na muinntir a nì aighear. 5 Suidhichidh tu fhathast fìonliosan air slèibhtean Shamaria; suidhichidh an luchd‐suidheachaidh, agus ithidh iad an toradh. 6 Oir thàinig an là, dh’èigh an luchd‐faire air sliabh Ephraim; èiribh, agus rachamaid suas gu Sion, a‑chum an Tighearna ar Dia. 7 Oir mar seo deir an Tighearna, Dèanaibh iolach ann an Iàcob le aoibhneas, agus dèanaibh luathghair am measg rogha nan cinneach; cuiribh an cèill, molaibh, agus abraibh, O Thighearna, saor do shluagh, iarmad Israeil. 8 Feuch, bheir mi iad on tìr mu thuath, agus tionailidh mi iad o chrìochan na talmhainn: an dall agus am bacach maille riu, a’ bhean thorrach, maraon agus ise a tha ri saothair; nan cuideachd mhòir tillidh iad. 9 Thig iad le gul, agus le caomhalachd nì mise an treòrachadh; treòraichidh mi iad ri taobh nan sruthan uisge, air slighe rèidh, far nach faigh iad tuisleadh; oir tha mise ann am athair do Israel; agus Ephraim, is esan mo chiad‐ghin. 10 Cluinnibh facal an Tighearna, O chinneachan, agus cuiribh an cèill e anns na h‑eileanan fad as, agus abraibh, Esan a sgap Israel, nì e a chruinneachadh agus a choimhead, mar a nì buachaille a threud. 11 Oir shaor an Tighearna Iàcob, agus dh’fhuasgail e e o làimh an fhir a bu treasa na e fhèin. 12 Uime sin thig iad agus seinnidh iad ann an àirde Shioin, agus cruinnichidh iad ri chèile a‑chum maitheas an Tighearna airson cruithneachd, agus airson fìona, agus airson ola, agus airson àlach an treud agus na sprèidhe: agus bidh an anam mar ghàrradh uisgichte, agus cha dèan iad air aon chor bròn nas mò. 13 An sin nì an òigh gàirdeachas anns an dannsa, na daoine òga, agus na seann daoine le chèile: oir tionndaidhidh mise am bròn gu aoibhneas, agus bheir mi dhaibh comhfhurtachd, agus nì mi sòlasach iad an dèidh an àmhghair. 14 Agus sàsaichidh mi anam nan sagart le nithean blasda, agus bidh mo shluagh air an sàsachadh lem mhaitheas, deir an Tighearna. 15 Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann. 16 Mar seo deir an Tighearna, Cùm do ghuth o chaoidh, agus do shùilean o dheòir; oir gheibh do shaothair duais, deir an Tighearna, agus thig iad a‑rìs o thìr an nàmhaid. 17 Agus tha dòchas a‑thaobh do chrìch dheireannaich, deir an Tighearna, gun tig do chlann a‑rìs gu an crìochan fhèin. 18 Gu deimhinn chuala mi Ephraim a’ caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh nach do chleachd a’ chuing: till thusa mi, agus bidh mi air mo thilleadh: oir is tu an Tighearna mo Dhia. 19 Gu deimhinn an dèidh dhomh a bhith air mo thilleadh, ghabh mi aithreachas; agus an dèidh dhomh a bhith air mo theagasg, bhuail mi air mo leis; bha nàire orm, seadh fòs geur‐amhluadh, a chionn gun do ghiùlain mi masladh m’òige. 20 Nach e Ephraim mo mhac caomh? Nach leanabh ro‑thaitneach e? Oir on uair anns an do labhair mi na aghaidh, tha mi gu dùrachdach ga chuimhneachadh fhathast: uime sin tha iomairt ann am chom air a shon: nì mi gu deimhinn tròcair air, deir an Tighearna. 21 Cuir suas dhut fhèin comharraidhean slighe; dèan dhut fhèin croinn àrda: cuir do chridhe ris an t‑slighe, an t‑slighe air an d’imich thu: till a‑rìs, O òigh Israeil, till a‑rìs a dh’ionnsaigh do chathraichean seo. 22 Cia fhad a bhios tu a’ tionndadh mun cuairt, O nighean chùl‐sleamhnach? Oir chruthaich an Tighearna nì nuadh air an talamh. Nì bean fear a chuartachadh. 23 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Gnàthaichidh iad fhathast a’ chainnt seo ann am fearann Iùdah, agus na bhailtean, nuair a bheir mise air a h‑ais am bruid, Gum beannaicheadh an Tighearna thu, O àite‐còmhnaidh a’ cheartais, O shlèibh na naomhachd. 24 Agus ann an Iùdah, agus na uile bhailtean, gabhaidh treabhaichean còmhnaidh, agus luchd‐coimhead nan treud. 25 Oir shàsaich mise an t‑anam tartmhor, agus gach anam acrach lìon mi. 26 An sin mhosgail, agus chunnaic mi, agus bha mo chadal taitneach dhomh. 27 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an cuir mise taigh Israeil agus taigh Iùdah le sìol duine agus le sìol ainmhidh. 28 Agus tàrlaidh, amhail a rinn mise faire os an cionn gu spìonadh a‑nìos, gu briseadh, agus gu tilgeadh sìos, agus gu sgrios, agus gu claoidh; mar sin nì mi faire os an cionn, gu togail, agus gu suidheachadh, deir an Tighearna. 29 Anns na làithean sin chan abair iad nas mò, Dh’ith na h‑athraichean meas searbh, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne. 30 Ach gheibh gach aon bàs na aingidheachd fhèin; gach aon a dh’itheas an caorann searbh, air a fhiaclan‐san bidh dèisinn. 31 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an dèan mise coicheangal nuadh ri taigh Israeil, agus ri taigh Iùdah: 32 Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear‐pòsda dhaibh, deir an Tighearna: 33 Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball. 34 Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta. 35 Mar seo deir an Tighearna, a tha a’ toirt na grèine airson solas an là, òrdaighean na gealaich agus nan reultan airson solais anns an oidhche, a tha a’ dèanamh na fairge ciùin, tràth bhios a tuinn a’ beucaich; Tighearna nan sluagh is e a ainm. 36 Mar a dh’imicheas na h‑òrdaighean seo as mo shealladh‐sa, deir an Tighearna, an sin cuideachd sguiridh sliochd Israeil o bhith nan cinneach am feasd ann am làthair. 37 Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar na nèamhan shuas a thomhas, agus bunaitean na talmhainn shìos a rannsachadh a‑mach, an sin tilgidh mise uam mar an ceudna uile shliochd Israeil, airson gach nì a rinn iad, deir an Tighearna. 38 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an togar a’ chathair airson an Tighearna, o thùr Hanameeil gu geata na h‑oisne. 39 Agus thèid an t‑sreang‐thomhais fhathast a‑mach ma coinneamh, thar sliabh Ghareib, agus cuartaichidh i a‑steach Goat. 40 Agus gleann nan corp marbha gu h‑iomlan, agus na luaithre, agus na machraichean uile gu sruthan Chidroin, gu oisinn geata nan each an taobh an ear, bidh iad naomh don Tighearna: cha spìonar a‑nìos, agus cha tilgear sìos e nas mò gu bràth. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society