Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Mòr‐thròcair an Tighearna do Iùdah. 6 Tha Israel nas neochiontaiche na Iùdah. 12 Ghairm Dia iad gu aithreachas. 20 Dh’aidich an sluagh am peacaidhean.

1 Their iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gun imich i uaithe, agus gun gabh i le fear eile, an till e da h‑ionnsaigh a‑rìs? Nach bi am fearann sin gu ro‑mhòr air a thruailleadh? Ach rinn thusa strìopachas le mòran leannan; gidheadh till riumsa a‑rìs, deir an Tighearna.

2 Tog do shùilean suas ris na h‑ionadan àrda, agus, feuch, cia an t‑àite anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu gam feitheamh anns na slighean, mar an t‑Arabach anns an fhàsach; agus shalaich thu am fearann led strìopachas, agus led dhroch‐bheairt.

3 Agus chumadh na frasan air an ais, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich, chuir thu cùl ri nàire.

4 Nach gairm thu ormsa on uair seo, ag ràdh, M’athair, bu tusa fear‐stiùraidh m’òige?

5 An gleidhear fearg gu bràth? An cumar corraich gu sìorraidh air chuimhne? Feuch, labhair, agus rinn thu aingidheachd; agus chaidh e leat.

6 Thubhairt an Tighearna rium fòs ann an làithean Iosiah an rìgh. Am faca tu ciod a rinn Israel chùl‐sleamhnach? Chaidh i suas air gach sliabh àrd, agus fo gach crann gorm, agus an sin rinn i strìopachas.

7 Agus thubhairt mise, an dèidh dhi seo uile a dhèanamh, Till am ionnsaigh‐sa: ach cha do thill i. Agus chunnaic a piuthar fhealltach Iùdah seo.

8 Agus chunnaic mise nuair, airson gach uile adhaltranais anns an robh Israel chùl‐sleamhnach ciontach, a chuir mi air falbh i, agus a thug mi litir‐dhealachaidh dhi, gidheadh nach do ghabh a piuthar fhealltach Iùdah eagal, ach gun d’imich i, agus gun do rinn i fhèin strìopachas mar an ceudna.

9 Agus thàrladh, le ro‑mheud a tograidh gu neòghlaine, gun do thruaill i am fearann, agus gun do rinn i adhaltranas le clachan agus le croinn.

10 Agus fòs an dèidh seo uile cha do thill a piuthar fhealltach Iùdah riumsa le a h‑uile chridhe, ach gu cealgach, deir an Tighearna.

11 Uime sin thubhairt Iehòbhah rium; Is mò a dh’fhìreanaich Israel chùl‐sleamhnach i fhèin na Iùdah chealgach.

12 Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl‐sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth.

13 A‑mhàin aidich do chionta, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth‐sa, deir an Tighearna.

14 Tillibh, O chlann chùl‐sleamhnach, deir an Tighearna, oir tha mi pòsda ribh: agus gabhaidh mi sibh, aon à baile, agus dithis à teaghlach, agus bheir mi sibh gu Sion:

15 Agus bheir mi dhuibh aodhairean a rèir mo chridhe fhèin, agus beathaichidh iad sibh le eòlas agus le tuigse.

16 Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh an lìonmhorachd agus am meud anns an fhearann, anns na làithean sin, deir an Tighearna, chan abair iad nas mò, Airc coicheangail an Tighearna, cha mhò a thig i nan aire, cha mhò a chuimhnicheas iad i, cha mhò a bheir iad sùil na dèidh, cha mhò a nìthear sin tuilleadh.

17 Anns an àm sin theirear ri Ierusalem rìgh‐chathair an Tighearna; agus bidh tathaich nan uile chinneach da h‑ionnsaigh, air sgàth ainm an Tighearna a bhios ann an Ierusalem: agus cha ghluais iad nas mò a rèir cruas an droch chridhe fhèin.

18 Anns na làithean sin thèid taigh Iùdah gu taigh Israeil; agus thig iad le chèile a‑mach as an tìr mu thuath, a‑chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh dur n‑athraichean.

19 Agus nuair a thubhairt mi, Cionnas a bheir mi àite dhut am measg mhac, agus a bheir mi dhut am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach sluagh nan cinneach? An sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair; agus cha till thu air d’ais om leantainn.

20 Gu deimhinn, mar a chlaonas bean neo‐dhìleas o a fear‐pòsda, mar sin bhuin sibhse gu neo‐dhìleas riumsa, O thaigh Israeil, deir an Tighearna.

21 Chualas guth air na h‑ionadan àrda, caoidh agus athchuinge chloinn Israeil; a chionn gun do chlaon iad an slighe; dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia.

22 Tillibh, o chlann chùl‐sleamhnach; lèighsidh mise ur cùl‐sleamhnachadh. Feuch, tha sinn a’ teachd ad ionnsaigh, oir is tu an Tighearna ar Dia.

23 Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia‑ne tha slàinte Israeil.

24 Ach dh’ith an nì nàireach sin suas saothair ar n‑athraichean o ar n‑òige; an caoraich, agus am buar, am mic, agus an nigheanan.

25 Laighidh sinn sìos nar nàire, agus thig ar masladh tharainn: a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna ar Dia, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, o ar n‑òige eadhon gus an‑diugh, agus nach robh sinn umhail do ghuth an Tighearna, ar Dia.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan