Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 24 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Le samhladh fhìgean maithe agus olca chuir am fàidh an cèill gun gabhadh Dia ris na dh’fhalbh ann am bruid de Iùdah: 8 agus gun tugadh e thairis Sedeciah agus a shluagh gu bhith nan cùis‐fhanaid do na cinnich.

1 Dh’fhoillsich an Tighearna dhomh, agus, feuch, dà chliabh fhìgean air an cur fa chomhair teampall an Tighearna, an dèidh do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, agus maithean Iùdah, agus an luchd‐ealain, agus na h‑airm‐cheàird, a thoirt air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem, agus an toirt leis gu Bàbilon:

2 Ann an aon chliabh bha fìgean ro‑mhath, mar na fìgean a bhios an toiseach abaich: agus anns a’ chliabh eile fìgean ro‑olc, nach faodte ithe aig an olcas.

3 An sin thubhairt an Tighearna rium, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Fìgean: na fìgean matha ro‑mhath; agus na droch fhìgean ro‑olc, air chor is nach faodar an ithe aig an olcas.

4 An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

5 Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Amhail na fìgean matha seo, mar sin gabhaidh mise ris na dh’fhalbh ann am bruid de Iùdah, a chuir mi a‑mach as an àite seo gu tìr nan Caldèanach, a‑chum an leas.

6 Oir cuiridh mi mo shùilean orra a‑chum maith, agus bheir mi iad air an ais don tìr seo; agus togaidh mi iad, agus cha tilg mi sìos; agus suidhichidh mi iad, agus cha spìon mi à bun.

7 Agus bheir mi dhaibh cridhe gum aithneachadh, gur mi an Tighearna; agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia; oir tillidh iad am ionnsaigh len uile chridhe.

8 Agus amhail na droch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas (mar seo gu deimhinn deir an Tighearna), mar sin bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a uachdarain, agus am fuidheall de Ierusalem, a dh’fhanas anns an tìr seo, agus iadsan a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit:

9 Bheir eadhon mise thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, a‑chum an aimhleis; gu bhith nan cùis‐fhanaid, agus nan gnàth‐fhacal, agus nam ball‐magaidh, agus nam mallachadh, anns a h‑uile àite gus am fògair mi iad.

10 Agus cuiridh mi an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, nam measg, gus an caithear iad bhàrr an fhearainn, a thug mise dhaibh fhèin agus dan athraichean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan