Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 20 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Fhuair Pasur ainm eile, agus bhagradh e le breitheanais uamhasach, do bhrìgh gun do bhuail e Ieremiah. 7 Ghearain am fàidh gu robh e na chùis‐mhaslaidh do na h‑Iùdhaich, 14 Agus mhallaich e an là air an d’rugadh e.

1 Nuair a chuala Pasur mac Imeir an sagart (a bha fòs na àrd‐uachdaran ann an taigh an Tighearna) Ieremiah a’ fàistneachd nan nithean seo:

2 An sin bhuail Pasur Ieremiah am fàidh, agus chuir e anns an taigh‐smachdachaidh e, a bha aig geata uachdarach Bheniàmin, làimh ri taigh an Tighearna.

3 Agus thàrladh air an là màireach gun do leig Pasur Ieremiah a‑mach as an taigh‐smachdachaidh. An sin thubhairt Ieremiah ris, Chan e Pasur a thug an Tighearna mar ainm ort, ach Magor‐misabib.

4 Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, nì mise dhìot uamhas dhut fhèin, agus dod uile chàirdean; agus tuitidh iadsan le claidheamh an naimhdean, agus do shùilean‐sa ag amharc; agus Iùdah uile bheir mi do làimh rìgh Bhàbiloin, agus bheir e leis iad ann am bruid gu Bàbilon, agus cuiridh e gu bàs iad leis a’ chlaidheamh.

5 Agus bheir mi seachad uile neart na cathrach seo, agus a h‑uile shaothair, agus a h‑uile nithean luachmhor; agus uile bheartas rìghrean Iùdah bheir mi thairis do làimh an naimhdean, a chreachas iad, agus a ghlacas iad, agus a bheir iad air falbh gu Bàbilon.

6 Agus thusa, a Phasuir, agus na h‑uile tha a chòmhnaidh ann ad thaigh, siùbhlaidh sibh air falbh ann am braighdeanas; agus thèid thusa gu Bàbilon, agus an sin gheibh thu bàs, agus an sin adhlaicear thu, thu fhèin agus d’uile chàirdean, don do rinn thu fàistneachd bhrèige.

7 Mheall thu mi, O Thighearna, agus bha mi air mo mhealladh; is tu as treasa na mise, agus thug thu buaidh: tha mi ann am chùis‐mhagaidh gach là, gach aon ri fanaid orm.

8 Oir cho tric is a labhras mi, a ghlaodhas mi a‑mach an aghaidh ainneirt, no a dh’èigheas mi lèir‐chreach, tha facal an Tighearna air a dhèanamh dhomh na chùis‐mhaslaidh agus fhanaid gach aon là.

9 Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi.

10 Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh‐se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.

11 Ach tha an Tighearna leam mar aon cumhachdach uamhasach; air an adhbhar sin tuislichidh mo luchd‐tòrachd, agus cha bhuadhaich iad: tha iad air an lìonadh le nàire ro‑mhòr, a chionn nach do shoirbhich leo, le masladh bithbhuan, nach leigear gu bràth air dìochuimhn.

12 Ach, O Thighearna nan sluagh, a dhearbhas am fìrean, agus a chì na h‑àirnean agus an cridhe, faiceam orra do dhìoghaltas: oir dhutsa leig mise ris mo chùis.

13 Seinnibh‐se don Tighearna; molaibh‐se an Tighearna, oir shaor e anam a’ bhochd à làimh nan aingidh.

14 Mallaichte gu robh an là air an do rugadh mise; an là air an do rug mo mhàthair mi, nar robh e beannaichte.

15 Mallaichte gu robh esan a thug fios a dh’ionnsaigh m’athar, ag ràdh, Tha leanabh mic air a bhreith dhut, ga dhèanamh ro‑aoibhneach.

16 Agus biodh an duine sin mar na bailtean a sgrios an Tighearna, agus mu nach do ghabh e aithreachas; cluinneadh e gaoir anns a’ mhadainn, agus iolach anns a’ mheadhon‐là;

17 A chionn nach do mharbh e mi on bhroinn, no gum biodh mo mhàthair na h‑uaigh dhomh, agus a brù an còmhnaidh torrach leam.

18 Cuime an tàinig mi a‑mach as a’ bhroinn a dh’fhaicinn mì‑shuaimhneis agus bròin, agus a chaitheamh mo làithean ann am masladh?

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan