Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Le samhladh soithich creadhadair air a bhriseadh na bhloighdean, nochd Dia lèir‐sgrios nan Iùdhach airson am peacaidhean.

1 Mar seo thubhairt Iehòbhah riumsa, Falbh agus faigh criadh‐shoitheach creadhadair, agus thoir leat cuid de sheanairean an t‑sluaigh, agus de sheanairean nan sagart;

2 Agus thèid thu a‑mach gu gleann mac Hinoim, a tha fa chomhair a’ gheata Harsit, agus glaodhaidh tu anns an àite sin na briathran a labhras mise riut;

3 Agus their thu, Eisdibh‐se facal an Tighearna, O a rìghrean Iùdah, agus a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, bheir mise olc air an àite seo, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gum bi gaoir na chluasan.

4 A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do rinn iad an t‑àite seo coimheach, agus gun do loisg iad tùis ann do dhiathan eile, nach b’aithne dhaibh; iad fhèin, agus an athraichean, agus rìghrean Iùdah, agus gun do lìon iad an t‑àite seo le fuil neochiontaich:

5 Agus gun do thog iad ionadan àrda Bhàail, a‑chum am mic a losgadh anns an teine, mar thabhartasan‐loisgte do Bhàal; nì nach d’àithn mise, cha mhò a labhair mi, cha mhò a thàinig e ann am aire:

6 Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar ris an àite seo nas mò Tophet, no gleann mac Hinoim, ach gleann a’ mharbhaidh.

7 Agus cuiridh mise gu neo‐bhrìgh comhairle Iùdah agus Ierusaleim anns an àite seo; agus bheir mi orra tuiteam leis a’ chlaidheamh an làthair an naimhdean, agus le làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama: agus bheir mi an colainnean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

8 Agus nì mi a’ chathair seo na fàsach, agus na ball‐sgeig: bidh mòr‐ioghnadh air gach neach a thèid seachad oirre, agus nì e sgeig airson a h‑uile phlàighean.

9 Agus bheir mise orra gun ith iad feòil am mac, agus feòil an nigheanan; agus ithidh iad, gach aon, feòil a charaid, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaichear iad len naimhdean, agus leòsan a tha ag iarraidh an anama.

10 An sin brisidh tu an soitheach ann an sealladh nan daoine a thèid maille riut.

11 Agus their thu riu, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Amhail seo brisidh mise an sluagh seo, agus a’ chathair seo, mar a bhriseas neach soitheach a’ chreadhadair, nach faodar a shlànachadh a‑rìs; agus adhlaicear daoine ann an Tophet, gus nach bi àite ann gu adhlacadh.

12 Mar seo nì mise ris an àite seo, deir an Tighearna, agus ra luchd‐còmhnaidh, air chor is gun dèanar a’ chathair seo eadhon mar Thophet.

13 Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean‐dibhe a‑mach do dhiathan coimheach.

14 Agus thàinig Ieremiah o Thophet, gus an do chuir an Tighearna e gu fàistneachd; agus sheas e ann an cùirt taigh an Tighearna, agus thubhairt e ris an t‑sluagh uile,

15 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise air a’ chathair seo, agus air a h‑uile bhailtean, an t‑olc sin uile a labhair mi na h‑aghaidh; a chionn gun do rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad rim bhriathran.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan