Ieremiah 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Le samhladh crios anairt, nochd Dia sgrios a shluaigh. 12 Le cosamhlachd shearragan air an lìonadh le fìon, ro‑innis e meud an trioblaidean. 15 Chomhairlich e dhaibh aithreachas a ghabhail; 22 agus nochd e dhaibh gum b’e meud an cionta a b’aobhar air na h‑uile a thàinig orra. 1 Mar seo thubhairt an Tighearna rium, Imich agus faigh dhut fhèin crios anairt, agus cuir air do leasraidh e, ach na cuir ann an uisge e. 2 Is amhail a fhuair mi crios, a rèir facal an Tighearna, agus chuir mi air mo leasraidh e. 3 Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh, 4 Gabh an crios a fhuair thu, a tha air do leasraidh, agus èirich, imich gu Euphràtes, agus falaich an sin e, ann an toll den charraig. 5 Is amhail a dh’imich mi agus a dh’fhalaich mi e aig Euphràtes, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh. 6 Agus thàrladh, an dèidh mòran làithean, gun dubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich gu Euphràtes, agus thoir as a sin an crios a dh’àithn mise dhut fhalach anns an àite sin. 7 An sin dh’fhalbh mi gu Euphràtes, agus chladhaich mi, agus thug mi an crios as an àite anns an d’fhalaich mi e; agus, feuch, bha an crios millte, cha b’fhiù airson nì sam bith e. 8 An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, 9 Mar seo deir an Tighearna, Air a’ mhodh seo millidh mise uaill Iùdah, agus uaill mhòr Ierusaleim. 10 An sluagh olc seo, a tha a’ diùltadh mo bhriathran‐sa èisdeachd, a tha a’ siubhal a rèir cruas an cridhe fhèin, agus a’ dol an dèidh dhia coimheach, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh; bidh iad eadhon mar an crios seo, nach fiù airson nì sam bith. 11 Oir mar a dhlùth‐leanas an crios ri leasraidh duine, mar sin thug mise air taigh Israeil uile, agus air taigh Iùdah uile, dlùth‐leantainn riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum biodh iad dhomh mar shluagh, agus mar ainm, agus mar chliù, agus mar ghlòir: ach chan èisdeadh iadsan. 12 Labhraidh tu riu fòs am facal seo, Mar seo deir Iehòbhah, Dia Israeil, Lìonar gach soireadh le fìon. Agus their iad riut, Nach eil fhios cinnteach againn gun lìonar gach soireadh le fìon? 13 An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, lìonaidh mise luchd‐àiteachaidh na tìre seo air fad, eadhon na rìghrean a tha nan suidhe ann an àite Dhaibhidh air a rìgh‐chathair, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, le misg. 14 Agus pronnaidh mi iad an aghaidh a chèile, eadhon na h‑athraichean agus na mic le chèile, deir an Tighearna; cha ghabh mi truas, cha mhò a choigleas mi, cha mhò a nì mi iochd, air chor is nach sgriosainn iad. 15 Eisdibh, agus thugaibh aire, na bithibh uaibhreach; oir labhair an Tighearna. 16 Thugaibh‐se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh. 17 Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna. 18 Abair ris an rìgh, agus ris a’ bhànrighinn, Irislichibh sibh fhèin, suidhibh sìos; oir leagar sìos ur culaidh‐chinn, eadhon crùn ur glòire. 19 Tha bailtean na h‑àird a deas air an druideadh suas, agus chan eil neach gam fosgladh; tha Iùdah uile air a toirt ann am bruid, tha i gu h‑iomlan air a toirt ann am braighdeanas. 20 Tog suas do shùilean agus faic iadsan a tha a’ teachd on àird a tuath: càit a bheil an treud a thugadh dhut, caoraich do mhaise? 21 Ciod a their thu nuair a thig smachdachadh ort? An dèidh dhut a theagasg dhaibh riaghladh tharad mar cheannardan? Nach dèan ioghannan do ghlacadh, amhail mnà ri saothair? 22 Agus nuair a their thu ann ad chridhe, Carson a thàinig na nithean seo orm? Airson meud do chionta tha do sgiobaill air an leigeadh ris, tha do shàiltean air an rùsgadh. 23 Am faod an t‑Etiopach a chraiceann a mhùthadh, no an liopard a bhrice? An sin faodaidh sibhse, a bha cleachdte ri olc, math a dhèanamh. 24 Air an adhbhar sin sgapaidh mise iad mar an asbhuain, a shiùbhlas air falbh le gaoith an fhàsaich. 25 Is e seo do chrannchur, an cuibhreann a thomhaiseadh leamsa air do shon, deir an Tighearna; a chionn gun do dhìochuimhnich thu mise, agus gun do chuir thu do dhòchas anns a’ bhrèig. 26 Uime sin leigidh mise do sgiobaill ris air do bheulaibh, a‑chum gum faicear do nàire. 27 Chunnaic mi d’adhaltranas, agus do shitrich, agus do strìopachas mì‑nàireach, do ghràinealachdan air na cnuic, anns a’ mhachair. Mo thruaighe thu, O Ierusaleim! Nach bi thu air do ghlanadh? Cuin idir a bhios sin? |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society