Ieremiah 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chan eil neach air bith ann cosmhail ri Dia cumhachdach Israeil. 17 Thug am fàidh fios don t‑sluagh gun claoidhear iad. 23 Rinn e ùrnaigh ri Dia. 1 Cluinnibh am facal a tha an Tighearna a’ labhairt ribh, O thaigh Israeil. 2 Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa. 3 Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor‐dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair‐làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur. 4 Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i. 5 Mar chrann‐pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas. 6 Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd. 7 Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut. 8 Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais. 9 Bheirear airgead air a bhualadh a‑mach o Tharsis, agus òr o Uphas; obair an fhir‐obrach, agus làmh an òr‑cheàird: is gorm agus dearg as èideadh dhaibh: is iad gu lèir obair dhaoine seòlta. 10 Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich‐san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan. 11 Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh, agus o bhith fo na nèamhan seo. 12 Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan. 13 Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan‐tasgaidh. 14 Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta. 15 Is nì faoin iad, obair mhearachd: ann an àm an smachdachaidh thèid iad am mugha. 16 Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear‐cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha. 17 Cruinnich suas do mhaoin as an fhearann, O thusa a tha ag àiteachadh an daingnich: 18 Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi urchair do luchd‐àiteachaidh na tìre, air a’ chuairt seo, agus claoidhidh mi iad, air chor is gum mothaich iad mo dhìoghaltas. 19 Mo thruaighe mise a‑thaobh mo dhochainn! Is cràiteach mo chreuchd: ach thubhairt mi, Gu deimhinn is deacair seo, ach is èiginn a fhulang. 20 Tha mo phàillean air a chur fàs, agus tha mo chùird gu lèir air am briseadh; dh’imich mo chlann a‑mach uam, agus chan eil iad ann: chan eil neach ann a sgaoileas mo phàillean a‑mach nas mò, no a chuireas suas mo sgàil. 21 Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh. 22 Fuaim an iomraimh! Feuch, tha i a’ teachd dlùth, eadhon gluasad mòr on tìr mu thuath, a dhèanamh bailtean Iùdah nam fàsach, nan àite‐còmhnaidh do dhràgonan. 23 Is aithne dhomh, a Thighearna, nach eil slighe duine na chomas fhèin: chan eil e an comas duine a tha ag imeachd a cheum a stiùradh. 24 O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh. 25 Dòirt a‑mach do dhian‐chorraich air na cinnich nach do ghabh eòlas ort, agus air na teaghlaichean nach eil a’ gairm air d’ainm; oir dh’ith iad suas Iàcob, ga ithe agus ga chaitheamh, agus rinn iad a àite‐còmhnaidh fàsail. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society