Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 An t‑àm anns an d’rinn Ieremiah fàistneachd; 4 Naomhaich Dia e on bhroinn. 11 Nochdadh dha gu rachadh Ierusalem a sgrios. 17 Neartaich Dia e fa chomhair a dhreuchd.

1 Briathran Ieremiah mhic Hilciah, aon de na sagartan a bha ann an Anatot ann am fearann Bheniàmin:

2 A dh’ionnsaigh an tàinig facal an Tighearna ann an làithean Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, anns an treas‐bliadhna‑deug de a rìoghachadh.

3 Thàinig e mar an ceudna ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gu ceann aon‐bhliadhna‑deug Shedeciah mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gus an tugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chòigeamh mìos.

4 Thàinig an sin facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, ag ràdh,

5 Mun do dhealbh mi thu anns a’ bhroinn, b’aithne dhomh thu; agus mun tàinig thu a‑mach on bholg, chuir mi air leth thu: mar fhàidh do na cinnich thug mi thu.

6 An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.

7 Agus thubhairt an Tighearna rium, Na abair, Is leanabh mi: ach a‑chum nan uile gus an cuir mise thu, thèid thu; agus ciod sam bith a dh’àithneas mi dhut, labhraidh tu.

8 Na biodh eagal ort ron gnùis; oir tha mise maille riut a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna.

9 Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul.

10 Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh.

11 Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn slaite de chraoibh almoin.

12 Agus thubhairt an Tighearna rium, Is ceart a chunnaic thu: oir deifrichidh mise m’fhacal a‑chum a choileanadh.

13 Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn coire air ghoil; agus air a thionndadh on àird a tuath.

14 Agus thubhairt an Tighearna rium, On àird a tuath brisidh an t‑olc a‑mach air uile luchd‐àiteachaidh na tìre.

15 Oir feuch, gairmidh mise air uile theaghlaichean rìoghachdan na h‑àird a tuath, deir an Tighearna; agus thig iad, agus suidhichidh iad gach aon a rìgh‐chathair aig dol a‑steach geatachan Ierusaleim, agus air a ballachan uile mun cuairt, agus os cionn uile bhailtean Iùdah.

16 Agus cuiridh mise mo bhreitheanais an cèill nan aghaidh, airson an uile aingidheachd; a chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, agus gun do shleuchd iad do obraichean an làmhan fhèin.

17 Crioslaich thusa suas uime sin do leasraidh, agus èirich, agus labhair riu na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut; na biodh fiamh ort romhpa, air eagal gun cuir mise gu amhluadh thu nam fianais.

18 Oir feuch, rinn mise thu an‑diugh ad chathair dhaingnichte, agus ad phost iarainn, agus ad bhalla umha, an aghaidh na tìre seo uile; an aghaidh rìghrean Iùdah, an aghaidh a mòr‐uaislean, an aghaidh a sagartan, agus an aghaidh sluagh na tìre:

19 Agus cathaichidh iad ann ad aghaidh, ach cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan