Hosèa 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chronaicheadh sluagh Israeil airson am peacaidhean. 11 Bha fearg air Dia nan aghaidh airson an cealgaireachd. 1 Nuair a b’àill leamsa Israel a leigheas, an sin leigeadh ris aingidheachd Ephraim agus euceart Shamaria: oir tha iad a’ cur an gnìomh ceilge: seadh, tha an gadaiche a’ dol a‑steach; tha a’ cheathairne ri creach a‑muigh. 2 Agus chan eil iad a’ toirt fa‑near nan cridhe gur cuimhne leamsa an uile aingidheachd: a‑nis chuartaich an gnìomharan fhèin iad air gach taobh; tha iad fa chomhair m’aghaidh‐sa. 3 Len aingidheachd tha iad a’ dèanamh an rìgh ait, agus nan uachdaran lem breugan. 4 Is adhaltranaich iad uile; mar àmhainn air a teasachadh leis an fhuineadair, nuair a sguireas fear‐obrachaidh na taoise de a fuineadh gus am bi i air a gortachadh. 5 Air là fèill ar rìgh, nuair a bha na prionnsachan air an teasachadh le fìon, shìn esan a‑mach a làmh le luchd‐fanaid. 6 Oir dh’ullaich iad an cridhe mar àmhainn, am feadh a tha iad ri feall‐fhalach: fad na h‑oidhche tha am fuineadair a’ cadal; anns a’ mhadainn tha i a’ losgadh mar theine lasrach. 7 Theasaich iad uile iad fhèin mar àmhainn, agus shluig iad am britheamhan; tha an rìghrean uile air tuiteam; chan eil aon nam measg a tha a’ gairm ormsa. 8 Ephraim, mheasg esan e fhèin leis na cinnich; is aran nach deachaidh a thionndadh Ephraim. 9 Shluig coigrich suas a neart, agus chan eil fhios aige air: seadh, tha fuilteanan liatha air, an siud agus an seo, gidheadh chan eil fhios aige air. 10 Agus tha uabhar Israeil a’ tabhairt fianais fa chomhair a shùl: gidheadh chan eil iad a’ tilleadh ris an Tighearna an Dia, no ga iarraidh airson seo uile. 11 Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria. 12 Nuair a thriallas iad, sgaoilidh mise mo lìon thairis orra; mar eunlaith an adhair bheir mi a‑nuas iad; smachdaichidh mi iad nuair a dh’èisdeas iad rin coitheanal. 13 Mo thruaighe iad, oir theich iad uamsa! Lèirsgrios dhaibh, oir chiontaich iad am aghaidh‐sa! Ged shaor mi iad, gidheadh labhair iad breugan am aghaidh. 14 Agus cha do ghlaodh iad riumsa len cridhe; ged rinn iad donnalaich air an leapaichean airson arbhair agus fìona; tha iad a’ cruinneachadh an ceann a chèile, tha iad ag èirigh suas am aghaidh‐sa. 15 Seadh, smachdaich mi iad; neartaich mi fòs an gàirdeanan; gidheadh tha iad a’ dealbh aimhleis am aghaidh. 16 Tha iad a’ tionndadh an dèidh nì gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, airson nimh an teangaidh: seo cùis am maslaidh ann an tìr na h‑Eiphit. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society