Hosèa 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Earail gu aithreachas. 4 Rinn am fàidh gearan an aghaidh Israeil agus Iùdah a chionn gun do bhuanaich iad nan strìopachas. 1 Thigibh agus tilleamaid ris an Tighearna: oir is esan a reub, agus is e a nì ar leigheas; is e a bhuail, agus ceanglaidh e suas sinn. 2 An ceann dà là nì e ar n‑ath‐bheothachadh, air an treas là dùisgidh e suas sinn, agus bidh sinn beò na shealladh. 3 Agus bidh eòlas againn: thèid sinn air ar n‑aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearna: tha a dhol a‑mach air ullachadh mar a’ mhadainn; agus thig e dar n‑ionnsaigh mar an t‑uisge; mar an t‑uisge deireannach, agus an ciad uisge air an talamh. 4 Ciod a nì mi riut, O Ephraim? Ciod a nì mi riutsa, O Iùdah? Oir tha ur maitheas mar neul maidne, agus mar an drùchd moch, a shiùbhlas air falbh. 5 Uime sin sgath mi sìos iad leis na fàidhean: mharbh mi iad le briathran mo bheòil: agus bha do bhreitheanais mar an solas na dhol a‑mach. 6 Oir dh’iarr mise tròcair, agus chan e ìobairt, agus eòlas Dhè nas mò na ìobairtean‐loisgte. 7 Ach bhris iadsan an coicheangal mar Adhamh: an sin bhuin iad gu fealltach am aghaidh‐sa. 8 Is cathair luchd‐dèanamh eucorach Gilead, air a truailleadh le fuil. 9 Agus amhail a dh’fheitheas buidheann airson duine, tha cuideachd nan sagart a’ marbhadh anns an t‑slighe gu Sechem a dh’aon‐bheachd; oir rinn iad aingidheachd gu dàna. 10 Ann an taigh Israeil chunnaic mi nì ro‑ghràineil: an sin tha Ephraim ri strìopachas; tha Israel air a thruailleadh. 11 Air do shon‐sa, mar an ceudna, O Iùdah, tha fogharadh air a shònrachadh, nuair a thilleas mise air a h‑ais bruid mo shluaigh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society