Hosèa 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chomhairlicheadh don t‑sluagh an droch ghnìomharan a thrèigsinn. 14 Bhrosnaich Dia iad gu tilleadh da ionnsaigh fhèin le geallaidhean tròcaireach. 1 Abraibh‐se ri ur bràithrean, Ammi, agus ri ur peathraichean, Ruhamah. 2 Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean‐sa, cha mhò as mise a fear‐se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd; 3 Air eagal gun rùisg mise i lomnochd, agus gun cuir mi i mar anns an là anns an do rugadh i, agus gun dèan mi i mar fhàsach, agus gum fàg mi i mar fhearann tioram, agus gum marbh mi i le tart: 4 Agus nach gabh mi truas da cloinn, oir is clann strìopachais iad. 5 Oir rinn am màthair strìopachas: rinn ise a ghabh na broinn iad gu beag‐nàireach: oir thubhairt i, Thèid mi an dèidh mo luchd‐gaoil, a tha a’ toirt dhomh m’arain agus m’uisge, m’olainn agus mo lìn, m’ola agus mo dhibhe. 6 Uime sin, feuch, druididh mise suas a slighe le droigheann, agus dùinidh mi a callaid, air chor is nach amais i air a ceuman. 7 Agus leanaidh i an dèidh a luchd‐gaoil, ach cha bheir i orra; agus iarraidh i iad, ach chan amais i orra: an sin their i, Siùbhlaidh mi agus tillidh mi gum chiad fhear, oir bha mi na b’fheàrr dheth an sin na a‑nis. 8 Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal. 9 Uime sin tillidh mise, agus bheir mi m’arbhar leam na àm, agus m’fhìon na àm, agus bheir mi leam m’olann agus mo lìon, a thugadh a chòmhdachadh a lomnochdaidh. 10 Agus a‑nis leigidh mi ris a neòghlaine ann an sealladh a luchd‐gaoil, agus cha saor duine sam bith as mo làimh i. 11 Bheir mi fòs air a h‑aighear uile sgur; a gealach nuadh, agus a sàbaid, agus a h‑àrd‐fhèillean uile. 12 Agus millidh mi a fìonain agus a crann‐fìge, mun dubhairt i, Is iad seo mo dhuais a fhuair mi om luchd‐gaoil: agus nì mi frìth dhiubh, agus ithidh beathaichean na machrach iad. 13 Agus agraidh mi oirre làithean Bhàalim, anns an do loisg i tùis dhaibh, agus anns an do sgeadaich i i fhèin le a cluas‐fhàinnean agus le a seudan, agus anns an deachaidh i an dèidh a leannan, agus anns an do dhìochuimhnich i mise, deir an Tighearna. 14 Gidheadh, feuch, bheir mise oirre mo leantainn, agus bheir mi i don fhàsach, agus labhraidh mi rithe gu càirdeil. 15 Agus as a sin bheir mi dhi a fìon‐liosan, agus gleann Achoir mar dhoras dòchais: agus seinnidh i an sin, mar ann an làithean a h‑òige, agus mar anns an là anns an tàinig i a‑nìos à tìr na h‑Eiphit. 16 Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gun goir thu dhìomsa, M’fhear, agus nach goir thu rium nas mò, Mo Bhàal. 17 Oir bheir mi ainmean Bhàalim a‑mach as a beul, agus chan ainmichear nas mò iad air an ainm. 18 Agus anns an là sin nì mise coicheangal air an son ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith nèimh, agus ri nithean snàigeach na talmhainn: agus am bogha, agus an claidheamh, agus an cath, brisidh mi a‑mach as an fhearann, agus bheir mi orra gun laigh iad sìos ann an tèarainteachd. 19 Agus pòsaidh mi thu rium fhèin gu bràth; seadh, pòsaidh mi rium fhèin thu ann am fìreantachd, agus ann an ceartas, agus ann an coibhneas, agus ann an caomh‐ghràdh; 20 Seadh, nì mi ceangal‐pòsaidh riut ann am fìrinn, agus gabhaidh tu eòlas air an Tighearna. 21 Agus tàrlaidh air an là sin, cluinnidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, cluinnidh mise na nèamhan; agus cluinnidh iadsan an talamh; 22 Agus cluinnidh an talamh an t‑arbhar, agus am fìon, agus an ola; agus cluinnidh iadsan Iesreel. 23 Agus suidhichidh mi dhomh fhèin i anns an fhearann, agus nì mi tròcair oirrese nach d’fhuair tròcair; agus their mi riùsan nach robh nan sluagh dhomh, Is tu mo shluagh; agus their iadsan, Is tu mo Dhia. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society