Hosèa 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Aingidheachd Ephraim agus Iùdah. 6 Chomhairlicheadh dhaibh aithreachas a ghabhail. 8 Chuir peacaidhean Ephraim campar air an Tighearna. 1 Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit. 2 Tha còmhstri fòs aig an Tighearna ri Iùdah, agus nì e peanas air Iàcob a rèir a shlighean; a rèir a dhèanadais bheir e dha luigheachd. 3 Anns a’ bhroinn ghlac e a bhràthair air shàil; agus le a neart bha cumhachd aige maille ri Dia. 4 Seadh, bha cumhachd aige maille ris an aingeal; agus thug e buaidh: ghuil e, agus rinn e guidhe ris: fhuair e ann am Betel e, agus an sin labhair e ris. 5 Eadhon Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e Iehòbhah a chuimhneachan. 6 Uime sin till thusa rid Dhia: coimhead tròcair agus breitheanas; agus feith air do Dhia a‑ghnàth. 7 Is fear‐malairt e: na làimh tha meidh na mealltaireachd; is toigh leis a bhith ri ainneart. 8 Agus thubhairt Ephraim, Gu deimhinn tha mi air fàs saoibhir, fhuair mi dhomh fhèin stòras: ann am shaothairean uile chan fhaigh iad euceart air bith annam a bhiodh na chionta. 9 Agus mise Iehòbhah do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, bheir mi ort fòs còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, mar ann an làithean na h‑àrd‐fhèille. 10 Labhair mi fòs leis na fàidhean, agus rinn mi lìonmhor seallaidhean; agus le frithealadh nam fàidhean ghnàthaich mi cosamhlachdan. 11 Gu dearbh ann an Gilead tha euceart: gu cinnteach is dìomhanas iad; tha iad ag ìobradh tharbh ann an Gilgal; seadh, tha an altairean mar chùirn ann an claisean na machrach. 12 Ach theich Iàcob gu dùthaich Shiria; agus rinn Israel seirbhis airson mnà; agus airson mnà ghlèidh e caoraich. 13 Agus le fàidh thug an Tighearna Israel a‑mach as an Eiphit; agus le fàidh thèarnadh e. 14 Bhrosnaich Ephraim e a‑chum feirge gu ro‑shearbh: uime sin fàgaidh a Thighearna a fhuil air fhèin; agus tillidh e thuige fhèin a mhasladh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society