Hagai 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’innis Hagai gum bitheadh glòir an dara teampaill na bu mhò na glòir a’ chiad theampaill. 10 Chuir peacaidhean an t‑sluaigh moille air an obair. 1 Anns an t‑seachdamh mìos, air an aon‐là‑fichead den mhìos, thàinig facal an Tighearna leis an fhàidh Hagai, ag ràdh, 2 Labhair a‑nis ri Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus ri Iosuah mac Iosedeich an t‑àrd‐shagart; agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, ag ràdh, 3 Cò a tha air fhàgail nur measg a chunnaic an taigh seo na chiad ghlòir? Agus cionnas a tha sibh ga fhaicinn a‑nis? Nach eil e nur sùilean, làimh ri sin, mar neoni? 4 Gidheadh a‑nis bi làidir, O Sherubabeil, tha an Tighearna ag ràdh; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd‐shagart; agus bithibh‐se làidir, uile shluagh an fhearainn, tha an Tighearna ag ràdh; agus dèanaibh obair; oir tha mise leibh, deir Tighearna nan sluagh. 5 A rèir an fhacail a dhaingnich mi ribh nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, mar sin tha mo spiorad a’ fantainn nur measg: na biodh eagal oirbh. 6 Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Fhathast aon uair, ann an ùine bhig, crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh, agus an fhairge, agus am fearann tioram: 7 Agus crathaidh mi na h‑uile chinnich, agus thig Miann nan uile chinneach; agus lìonaidh mi an taigh seo le glòir, deir Tighearna nan sluagh. 8 Is leamsa an t‑airgead, agus is leamsa an t‑òr, deir Tighearna nan sluagh. 9 Bidh glòir an taighe deireannaich seo nas mò na glòir a’ chiad thaighe, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus anns an àite seo bheir mise sìth, deir Tighearna nan sluagh. 10 Air a’ cheathramh‐là‑fichead den naoidheamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh ag ràdh, 11 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feòraich a‑nis de na sagartan mun reachd, ag ràdh, 12 Ma ghiùlaineas aon feòil naomh ann an sgioball a thrusgain, agus gum bean a thrusgan ri aran, no brochan, no fìon, no ola, no biadh sam bith, am bi sin naomh? Agus fhreagair na sagartan, agus thubhairt iad, Cha bhi. 13 An sin thubhairt Hagai, Ma bheanas aon a tha neòghlan le corp marbh ri aon air bith de na nithean seo, am bi sin neòghlan? Agus fhreagair na sagartan, agus thubhairt iad, Bidh e neòghlan. 14 An sin fhreagair Hagai agus thubhairt e, Is amhail a bha an sluagh seo, agus is amhail a bha an cinneach seo ann am làthair‐sa, tha an Tighearna ag ràdh: agus is amhail a bha uile obair an làmh; agus an tabhartas a thug iad seachad an sin bha e neòghlan. 15 Agus a‑nis guidheam oirbh, thugaibh fa‑near: on là‑an‑diugh, agus o sin suas, mun do leagadh clach air cloich ann an teampall an Tighearna: 16 Nuair a thàinig aon gu cruaich fichead tomhas, cha robh ann ach deich: nuair a thàinig aon gu amar‐bruthaidh an fhìona, gu leth‐cheud soitheach a tharraing a‑mach as an amar, cha robh ann ach fichead. 17 Bhuail mi sibh le seargadh, agus le fuar‐dhealt, agus le cloich‐mheallain, ann an uile shaothair ur làmh. Gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. 18 Thugaibh fa‑near a‑nis on là‑an‑diugh, agus o sin suas, on cheathramh‐là‑fichead den naoidheamh mìos, agus on là anns an do leagadh bunaitean teampall an Tighearna: thugaibh fa‑near. 19 A bheil sìol fhathast anns an t‑sabhal? Seadh, gu ruige seo, cha tug an fhìonain, no a’ chraobh‐fhìge, no am pomgranat, no an crann‐ola, seachad toradh. Ach on là seo a‑mach beannaichidh mise. 20 Agus thàinig facal an Tighearna a‑rìs gu Hagai, air a’ cheathramh‐là‑fichead den mhìos, ag ràdh, 21 Labhair ri Serubabel uachdaran Iùdah, ag ràdh, Crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh; 22 Agus tilgidh mi rìgh‐chathair rìoghachdan bun‐os‑cionn, agus sgriosaidh mi neart rìoghachdan nan cinneach; agus tilgidh mi bun‐os‑cionn na carbadan, agus iadsan a tha a’ marcachd orra, agus tuitidh na h‑eich agus am marcaichean sìos, gach aon le claidheamh a bhràthar. 23 Anns an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gabhaidh mi thusa, O Sherubabeil, a mhic Shealtieil, m’òglach, tha an Tighearna ag ràdh, agus nì mi thu mar sheula; oir roghnaich mise thu, deir Tighearna nan sluagh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society