Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Hagai 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chronaich am fàidh an sluagh do bhrìgh gun do ghabh iad còmhnaidh ann an taighean maiseach, an uair bha taigh Dhè na fhàsach; 8 agus bhrosnaich e iad gus an teampall a thogail.

1 Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd‐shagart, ag ràdh.

2 Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Thubhairt an sluagh seo, Cha tàinig an t‑àm gu taigh an Tighearna a thogail.

3 An sin thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh, ag ràdh,

4 An àm dhuibhse, O sibhse, còmhnaidh a ghabhail nur taighean maiseach, agus an taigh seo na fhàsach?

5 A‑nis, matà, mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean.

6 Chuir sibh mòran, agus is beag a thug sibh a‑steach; tha sibh ag ithe, ach chan eil gu leòr agaibh: tha sibh ag òl, ach chan eil sibh sàthach: tha sibh gur n‑èideadh, ach chan eil aon neach blàth: agus esan a tha a’ cosnadh tuarasdail, tha e ga chosnadh gu a chur ann an sporan tolltach.

7 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean.

8 Rachaibh suas a‑chum an t‑slèibh, agus thugaibh leibh fiodh, agus togaibh an taigh; agus gabhaidh mise tlachd ann, agus bidh mi air mo ghlòrachadh, deir an Tighearna.

9 Bha sùil agaibh ri mòran, agus, feuch, thàinig e gu beagan; agus nuair a thug sibh dhachaigh e, shèid mise air. Carson? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Airson mo thaighe a tha fàs, agus sibhse a’ ruith gach duine gu a thaigh fhèin.

10 Air an adhbhar sin chùm na nèamhan os ur cionn air ais an drùchd, agus ghlèidh an talamh a thoradh.

11 Agus ghairm mise tart air an fhearann, agus air na slèibhtean, agus air an arbhar, agus air an fhìon nuadh, agus air an ola; agus air gach nì a bheir an talamh a‑mach: agus air duine, agus air ainmhidh; agus air uile shaothair nan làmh.

12 An sin thug Serubabel mac Shealtieil, agus Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd‐shagart, leis a’ chuid eile den t‑sluagh uile, gèill do ghuth an Tighearna an Dia, agus do bhriathran Hagai am fàidh (mar a chuir an Tighearna an Dia fios leis), agus bha eagal air an t‑sluagh ron Tighearna.

13 An sin labhair Hagai, teachdaire an Tighearna, ann an teachdaireachd an Tighearna, ris an t‑sluagh, ag ràdh, Tha mise leibh, deir an Tighearna.

14 Agus dhùisg an Tighearna spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an t‑àrd‐shagart, agus spiorad na cuid eile den t‑sluagh uile; agus thàinig iad, agus rinn iad obair ann an taigh Tighearna nan sluagh, an Dia.

15 Air a’ cheathramh‐là‑fichead den t‑siathamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan