Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Habacuc 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rinn Habacuc gearan a bhrìgh fòirneirt agus aingidheachd a shluaigh. 5 Nochdadh dha dìoghaltas eagalach an Tighearna le làimh nan Caldèanach.

1 An fhàistneachd a chunnaic Habacuc am fàidh.

2 Cia fhad, O Thighearna, a ghlaodhas mi, agus nach èisd thu? A ghlaodhas mi riut airson fòirneirt, agus nach saor thu?

3 Carson a tha thu a’ nochdadh dhomh aingidheachd, agus a’ toirt orm sealltainn air doilgheas? Oir tha creach agus fòirneart fam chomhair; agus luchd‐dùsgaidh strì agus aimhreite.

4 Air an adhbhar sin tha an reachd air fàilneachadh, agus chan eil breitheanas uair air bith a’ dol a‑mach: oir tha an ciontach ag iadhadh mu thimcheall an fhìrein; uime sin tha breitheanas eucorach a’ dol air aghaidh.

5 Faicibh am measg nan cinneach, agus amhaircibh, agus gabhaibh iongantas gu mòr: oir nì mise obair nur làithean, nach creid sibh ged innsear i dhuibh.

6 Oir feuch, dùisgidh mi suas na Caldèanaich, an cinneach searbh agus dian sin, a dh’imicheas tro leud an fhearainn, a ghabhail seilbh air na h‑àiteachan‐còmhnaidh nach leo fhèin.

7 Tha iad uamhasach agus eagalach: thig am breitheanas agus an òirdheirceas a‑mach uapa fhèin.

8 Tha an eich fòs nas luaithe na liopaird, agus tha iad nas buirbe na madaidhean‐allaidh an anmoich: agus sgaoilidh am marcaichean iad fhèin, agus thig am marc‐shluagh o ioma‑chèin: itealaichidh iad mar an iolair a dheifricheas gu ithe.

9 Thig iad uile airson ainneirt: sgriosaidh iad romhpa mar a’ ghaoth an ear; agus cruinnichidh iad braighdean mar a’ ghaineamh.

10 Agus nì iad sgeig air rìghrean, agus bidh prionnsachan nan cùis‐mhagaidh dhaibh: nì iad fanaid air gach daingneach làidir; agus cruachaidh iad suas talamh, agus glacaidh iad e.

11 An sin caochlaidh an inntinn, agus siùbhlaidh iad air falbh, agus measar iad ciontach. Tha an neart seo aca on dia.

12 Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia‑sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh.

13 Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd‐ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin?

14 Agus cuime a bheil thu a’ dèanamh dhaoine mar èisg na fairge, mar na nithean snàigeach aig nach eil aon fhear‐riaghlaidh os an cionn?

15 Tha iad gan togail suas uile leis an dubhan; tha iad gan glacadh nan lìon, agus gan cruinneachadh nan eangaich; uime sin tha iad aoibhneach agus ait.

16 Air an adhbhar sin, tha iad ag ìobradh dan lìon, agus a’ losgadh tùise dan eangaich: a chionn leo sin gu bheil an cuibhreann reamhar, agus an lòn pailt.

17 An dèan iad air an adhbhar sin an lìon falamh, agus nach coigil iad a bhith a’ sìor mharbhadh nan cinneach?

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan