Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Air do Stèphen comas fhaighinn freagairt air a shon fhèin, 2 nochd e gun do rinn Abrahàm adhradh do Dhia gu taitneach; 37 gun tug Maois fhèin fianais mu Chrìosd; 51 chronaich e na h‑Iùdhaich airson an ceannairc, agus morta Chrìosd.

1 An sin thubhairt an t‑àrd‐shagart, A bheil, matà, na nithean seo mar seo?

2 Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.

3 Agus thubhairt e ris, Rach a‑mach à do thìr fhèin, agus od chinneach, agus thig a‑chum na tìre a nochdas mise dhut.

4 An sin chaidh esan a‑mach à talamh nan Caldèanach, agus ghabh e còmhnaidh ann an Haran: agus as a sin, an dèidh bàs a athar, dh’atharraich e e don fhearann seo anns a bheil sibhse a‑nis nur còmhnaidh.

5 Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh, ged nach robh fhathast duine cloinne aige.

6 Agus labhair Dia air an dòigh seo, gum biodh a shliochd air chuairt ann an dùthaich choigrich, agus gun dèanadh iad tràillean dhiubh, agus gum buineadh iad gu h‑olc riu rè ceithir cheud bliadhna.

7 Agus air a’ chinneach sin dom bi iadsan fo dhaorsa, bheir mise breith, arsa Dia: agus an dèidh nan nithean sin thig iad a‑mach, agus nì iad seirbhis dhòmhsa anns an àite seo.

8 Agus thug e dha coicheangal an timcheall‐ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall‐gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh‐athair dheug.

9 Agus a’ gabhail farmaid, reic na prìomh‐athraichean Iòseph don Èiphit: ach bha Dia maille ris.

10 Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh‐ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Èiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Èiphit, agus air a theaghlach fhèin uile.

11 A‑nis thàinig gorta agus àmhghar mòr air an Èiphit uile, agus air talamh Chanàain; agus cha d’fhuair ar n‑athraichean teachd‐an‑tìr.

12 Ach nuair a chuala Iàcob gu robh arbhar anns an Èiphit, chuir e a‑mach ar n‑athraichean air tùs.

13 Agus air an dara uair rinneadh Iòseph aithnichte da bhràithrean; agus rinneadh cinneach Iòseiph follaiseach do Phàraoh.

14 An sin chuir Iòseph fios uaithe, agus ghairm e da ionnsaigh Iàcob athair, agus a luchd‐dàimhe uile, còig‐anaman‐deug agus trì‐fichead.

15 Agus chaidh Iàcob sìos don Èiphit, agus fhuair e bàs, e fhèin agus ar n‑athraichean.

16 Agus ghiùlaineadh thairis iad gu Sichem, agus chuireadh iad anns an àit‐adhlaic a cheannaich Abrahàm air suim airgid o mhic Emoir, athair Shicheim.

17 Ach nuair a dhruid àm a’ gheallaidh, a mhionnaich Dia do Abrahàm, dh’fhàs an sluagh agus rinneadh iad lìonmhor anns an Èiphit.

18 Gus an d’èirich rìgh eile, do nach b’aithne Iòseph.

19 Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad.

20 Anns an àm sin rugadh Maois, agus bha e ro‑sgiamhach, agus dh’altramadh e trì mìosan ann an taigh a athar:

21 Agus nuair a thilgeadh a‑mach e, thog nighean Phàraoh leatha e, agus dh’altraim i e mar mhac dhi fhèin.

22 Agus dh’fhòghlaimeadh Maois ann an uile ghliocas nan Èiphiteach, agus bha e cumhachdach ann am briathran agus ann an gnìomharan.

23 Agus nuair a bha e dà‑fhichead bliadhna iomlan a dh’aois, thàinig e na chridhe a bhràithrean, clann Israeil, fhiosrachadh.

24 Agus air dha duine àraidh dhiubh fhaicinn a’ fulang eucoir, theasairg e e, agus air bualadh an Èiphitich dha, rinn e dìoghaltas airson an fhir air an do rinneadh an eucoir:

25 Oir shaoil e gun tuigeadh a bhràithrean gun tugadh Dia le a làimh‐san saorsa dhaibh; ach cha do thuig iadsan.

26 Agus air an là na dhèidh sin nochd e e fhèin dhaibh agus iad a’ còmhstri, agus b’àill leis sìth a dhèanamh eatorra, ag ràdh, A dhaoine, is bràithrean sibh fhèin; carson a tha sibh a’ dèanamh eucoir air a chèile?

27 Ach chuir am fear a rinn an eucoir air a choimhearsnach uaithe e, ag ràdh, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne?

28 Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Èiphiteach an‑dè?

29 An sin theich Maois airson an fhacail seo, agus bha e na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac.

30 Agus nuair a choileanadh dà‑fhichead bliadhna, dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingeal an Tighearna ann an lasair theine ann am preas.

31 Agus nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongantas mun t‑sealladh; agus air dha teachd am fagas gu beachdachadh air, thàinig guth an Tighearna da ionnsaigh.

32 Ag ràdh, Is mise Dia d’athraichean, Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. An sin chriothnaich Maois, agus cha robh a chridhe aige amharc.

33 An sin thubhairt an Tighearna ris, Fuasgail do bhrògan od chasan: oir is talamh naomh an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh.

34 Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Èiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Èiphit thu.

35 Am Maois seo fhèin a dhiùlt iadsan, ag ràdh, Cò a rinn uachdaran agus britheamh dhìotsa? Esan chuir Dia gu bhith na uachdaran agus na fhear‐saoraidh le làimh an aingil a dh’fhoillsicheadh dha anns a’ phreas.

36 Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Èiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna.

37 Is e seo am Maois ud a thubhairt ri cloinn Israeil, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh de ur bràithrean, cosmhail riumsa; ris‐san èisdidh sibh.

38 Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean‐ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:

39 Do nach b’àill le ar n‑athraichean a bhith umhail, ach chuir iad uapa e, agus nan cridhe thill iad air an ais don Èiphit,

40 Ag ràdh ri Aaron, Dèan dhuinne diathan a thèid romhainn: oir mu thimcheall a’ Mhaois seo, a thug a‑mach sinn à tìr na h‑Èiphit, chan eil fhios againn ciod a dh’èirich dha.

41 Agus rinn iad laogh anns na làithean sin, agus thug iad ìobairt don dealbh, agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhèin.

42 An sin thill Dia, agus thug e thairis iad a‑chum adhradh a dhèanamh do armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean, An tug sibh dhòmhsa beathaichean marbhte, agus ìobairtean rè dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach, O thaigh Israeil?

43 Seadh, thog sibh suas pàillean Mholoich, agus reul ur dè Remphan, dealbhan a rinn sibh a‑chum adhraidh dhaibh: uime sin atharraichidh mi sibh an taobh thall de Bhàbilon.

44 Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.

45 An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh, a‑steach maille ri Iosa do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh;

46 Neach a fhuair deagh‐ghean am fianais Dhè, agus a dh’iarr pàillean fhaotainn do Dhia Iàcoib.

47 Ach thog Solamh taigh dha.

48 Gidheadh chan eil an Tì as àirde a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh‐dhèante; mar tha am fàidh ag ràdh,

49 Is e nèamh mo rìgh‐chathair, agus an talamh stòl mo chas: ciod an taigh a thogas sibh dhomh, tha an Tighearna ag ràdh, no ciod e ionad mo thàimh?

50 Nach do rinn mo làmh na nithean seo uile?

51 A dhaoine rag‐mhuinealach, agus neo‐thimcheall‐gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.

52 Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur‐leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd‐brathaidh, agus nur mortairean:

53 Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh nan aingeal, agus nach do choimhead e.

54 Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.

55 Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;

56 Agus thubhairt e, Feuch, tha mi a’ faicinn nan nèamh fosgailte, agus Mac an Duine na sheasamh air deaslàimh Dhè.

57 An sin ghlaodh iadsan le guth mòr, agus dhruid iad an cluasan, agus leum iad air a dh’aon inntinn,

58 Agus air dhaibh a thilgeadh a‑mach as a’ bhaile, chlach iad e: agus thilg na fianaisean an aodach sìos aig casan òganaich, dom b’ainm Saul.

59 Agus chlach iad Stèphen, agus e a’ gairm air Crìosd, agus ag ràdh, A Thighearna Iosa, glac mo spiorad.

60 Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan