Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 24 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Air do Phòl a bhith air a chasaid le Tertullus an teangair, 10 fhreagair e air a shon fhèin a‑thaobh a chaitheamh‐beatha agus a theagaisg: 24 shearmonaich e Crìosd don uachdaran agus da mhnaoi. 26 Bha sùil aigesan ri airgead fhaotainn uaith, ach ann an dìomhain.

1 Agus an ceann còig làithean na dhèidh sin chaidh Ananias an t‑àrd‐shagart sìos maille ris na seanairean, agus ri Tertullus, fear‐tagraidh àraidh, muinntir a nochd iad fhèin an làthair an uachdarain an aghaidh Phòil.

2 Agus nuair a ghairmeadh a‑mach e, thòisich Tertullus air a chasaid, ag ràdh, Do bhrìgh gu bheil sinn tromhadsa a’ mealtainn mòr‐shìth, agus gun do rinneadh iomadh deagh ghnìomh don chinneach seo tre do ghliocas‐sa,

3 Tha sinn a’ gabhail ri seo, anns gach àm agus anns gach àite, Fhelics ro‑òirdheirc, leis gach uile bhuidheachas.

4 Ach, a‑chum nach cuirinn mòr‐mhoille ort, guidheam ort, ded shuairceas gun èisd thu rinn gu h‑ath‐ghoirid.

5 Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann‐feadhna do luchd saobh‐chreideamh nan Nàsarènach.

6 Neach mar an ceudna a thogair an teampall a thruailleadh; agus a ghlac sinne, agus b’àill leinn breith a thoirt air a rèir ar lagha fhèin:

7 Ach air teachd do Lisias an t‑àrd‐cheannard oirnn, thug e le mòr‐ainneart as ar làmhan e,

8 Ag àithneadh da luchd‐casaid teachd ad ionnsaigh‐sa; neach om faod thu, le a cheasnachadh, fios fhaotainn air na h‑uile nithean a tha sinne a’ cur as a leth.

9 Agus dh’aontaich na h‑Iùdhaich mar an ceudna, ag ràdh gu robh na nithean seo mar sin.

10 An sin air don uachdaran smèideadh air Pòl e a labhairt, fhreagair esan, Is mò mo mhisneach gu freagairt air mo shon fhèin, gu bheil fhios agam gu robh thusa rè mòran bhliadhnachan ad bhritheamh air a’ chinneach seo:

11 Oir faodaidh tu fios fhaotainn, nach mò na dà‑là‑dheug o chaidh mi suas gu Ierusalem a dhèanamh adhraidh.

12 Agus cha d’fhuair iad mi a’ deasbaireachd ri aon neach anns an teampall, no a’ brosnachadh an t‑sluaigh gu ceannairc, aon chuid anns na sionagogan, no anns a’ bhaile:

13 Cha mhò as urrainn iad na nithean sin a dhearbhadh a tha iad a’ cur as mo leth.

14 Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh‐chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean:

15 Agus tha dòchas agam ann an Dia, ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh, nam fìrean araon agus nan neo‐fhìrean.

16 Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo‐lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh dhaoine.

17 A‑nis an dèidh mòran bhliadhnachan, thàinig mi a thoirt dèirce a‑chum mo chinnich, agus thabhartas.

18 Air a seo fhuair Iùdhaich àraidh on Asia mi air mo ghlanadh anns an teampall, gun sluagh, agus gun bhuaireas;

19 Muinntir dom bu chòir a bhith an seo ad làthair‐sa, agus m’agairt, nam biodh nì sam bith aca am aghaidh.

20 No abradh iad seo fhèin, ma fhuair iad eucoir sam bith annam, nuair a sheas mi an làthair na comhairle;

21 Mura ann a‑mhàin airson an aon fhacail seo, a ghlaodh mi am sheasamh nam measg, gur ann airson aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt gu breitheanas leibhse an‑diugh.

22 Agus nuair a chuala Felics na nithean seo, air dha eòlas na bu choileanta a bhith aige air an t‑slighe sin, chuir e air dàil iad, ag ràdh, Nuair a thig Lisias an t‑àrd‐cheannard a‑nuas, làn‐rannsaichidh mi ur cùis.

23 Agus dh’àithn e do cheannard‐ceud Pòl a ghleidheadh, agus e a bhith fuasgailte aige, agus gun neach de a mhuinntir fhèin a bhacadh o fhrithealadh dha, no teachd da ionnsaigh.

24 Agus an dèidh làithean àraidh, nuair a thàinig Felics maille ra mhnaoi Drusilla, a bha na ban‐Iùdhaich, chuir e fios air Pòl, agus dh’èisd e ris mu thimcheall a’ chreidimh ann an Crìosd.

25 Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.

26 Bha dùil aige mar an ceudna gu rachadh airgead a thoirt dha le Pòl, a‑chum gum fuasgladh e e: uime sin chuir e fios air na bu trice, agus labhair e ris.

27 Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan