Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thagair Pòl a chùis. 2 Dh’òrdaich Ananias a bhualadh. 7 Connsachadh am measg a luchd‐casaid. 11 Thug Dia misneach dha. 14 Nochdadh foill nan Iùdhach an aghaidh Phòil don àrd‐cheannard. 23 Chuir e e gu Felics an t‑uachdaran.

1 Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.

2 Agus dh’àithn an t‑àrd‐shagart Ananias dhaibhsan, a bha nan seasamh làimh ris, a bhualadh air a’ bheul.

3 An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh?

4 Agus thubhairt iadsan a sheas làimh ris, A bheil thusa a’ toirt ana‑cainnt do àrd‐shagart Dhè?

5 An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd‐shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill.

6 Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.

7 Agus air dhàsan seo a labhairt, dh’èirich còmhstri eadar na Pharasaich agus na Sadusaich: agus roinneadh an coitheanal an aghaidh a chèile.

8 Oir tha na Sadusaich ag ràdh nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann; ach tha na Pharasaich ag aideachadh gach aoin dhiubh.

9 Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè.

10 Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd‐cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal.

11 Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall‐sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh.

12 Agus air teachd don là, chruinnich dream àraidh de na h‑Iùdhaich an ceann a chèile, agus chuir iad iad fhèin fo mhallachadh, ag ràdh nach itheadh agus nach òladh iad gus am marbhadh iad Pòl.

13 Agus bha iad os cionn dà‑fhichead fear a rinn an co‑mhionnachadh seo.

14 Agus thàinig iad a‑chum nan àrd‐shagart, agus nan seanairean, agus thubhairt iad, Chuir sinne sinn fhèin fo àrd‐mhallachadh, nach blaiseamaid nì sam bith gus am marbhamaid Pòl.

15 A‑nis uime sin iarraibh‐se maille ris a’ chomhairle air an àrd‐cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh‐se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh.

16 Agus nuair a chuala mac‐peathar Phòil am feall‐fhalach seo, thàinig e, agus air dha dol a‑steach don chaisteal, dh’innis e sin do Phòl.

17 An sin ghairm Pòl da ionnsaigh aon de na ceannardan‐ceud, agus thubhairt e, Thoir an t‑òganach seo a‑chum an àrd‐cheannaird; oir tha nì àraidh aige ri innse dha.

18 An sin thug e leis e, agus threòraich e e a‑chum an àrd‐cheannaird, agus thubhairt e, Ghairm Pòl am prìosanach mise da ionnsaigh, agus ghuidh e orm an t‑òganach seo a thoirt ad ionnsaigh‐sa, aig a bheil nì‑eigin ri innse dhut.

19 An sin rug an t‑àrd‐cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa?

20 Agus thubhairt esan, Rinn na h‑Iùdhaich comhairle iarraidh ortsa gun tugadh tu Pòl a‑màireach don chomhairle, mar gum biodh iad gu rannsachadh nas gèire a dhèanamh air nì‑eigin ma thimcheall.

21 Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall‐fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa.

22 An sin leig an t‑àrd‐cheannard uaithe an t‑òganach, agus dh’àithn e dha, ag ràdh, Feuch nach innis thu do neach sam bith gun d’fhoillsich thu na nithean seo dhòmhsa.

23 Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard‐ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì‐fichead marcach, agus dà cheud fear‐sleagha, air an treas uair den oidhche.

24 Agus ullaichibh eich, a‑chum air dhaibh Pòl a chur orra, gun toir iad e gu tèarainte a‑chum an uachdarain Felics.

25 Agus sgrìobh e litir air a’ mhodh seo:

26 Beatha agus slàinte o Chlaudius Lisias, a‑chum an uachdarain ro‑òirdheirc Felics.

27 Ghlacadh an duine seo leis na h‑Iùdhaich, agus nuair a bha iad air tì a mharbhadh, thàinig mise orra le saighdearan, agus theasairg mi e, a’ tuigsinn gum bu Ròmanach e.

28 Agus air dhomh a bhith toileach air fios an adhbhair fhaotainn airson an d’agair iad e, thug mi sìos e a‑chum an comhairle‐san:

29 Agus thuig mi gu robh e air agairt mu cheistean den lagh fhèin, gun nì sam bith air a chur as a leth a b’airidh air bàs no air ceanglaichean.

30 Ach nuair a dh’innseadh dhomh gu robh na h‑Iùdhaich gu foill a chaitheadh air an duine, air ball chuir mi ad ionnsaigh‐sa e, agus thug mi àithne mar an ceudna da luchd‐casaid gach cùis a bha aca na aghaidh a chur an cèill ad làthair‐sa. Slàn leat.

31 An sin air do na saighdearan Pòl a ghabhail, a rèir mar a dh’àithneadh dhaibh, thug iad anns an oidhche e gu Antipatris.

32 Agus air an là màireach leig iad don mharc‐shluagh dol leis, agus thill iad fhèin don chaisteal.

33 Agus nuair a chaidh iad a‑steach do Chesarèa, agus a thug iad an litir don uachdaran, chuir iad mar an ceudna Pòl na fhianais.

34 Agus nuair a leugh an t‑uachdaran an litir, dh’fhiosraich e ciod an dùthaich on robh e. Agus nuair a thuig e gur ann o Chilicia a bha e,

35 Thubhairt e, Eisdidh mi riut, nuair a thig do luchd‐casaid mar an ceudna. Agus dh’àithn e esan a choimhead ann an talla‑breitheanais Heroid.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan