Gnìomharan 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Cha ghabhadh Pòl comhairleachadh o dhol gu Ierusalem. 8 Mu Philip an soisgeulaiche, agus a cheathrar nighean a bha nam ban‐fhàidhean. 17 Thàinig Pòl gu Ierusalem, 27 far an robh e air a ghlacadh agus ann an cunnart mòr. 31 Theasairgeadh e leis an àrd‐cheannard. 1 Agus air dhuinn dealachadh riùsan, sheòl sinn romhainn, agus thàinig sinn gu dìreach gu Coos, agus air an là màireach gu Rodos, agus as a sin gu Patara: 2 Agus air dhuinn long fhaotainn a bha a’ gabhail thairis gu Phenicia, chaidh sinn air bòrd, agus sheòl sinn romhainn. 3 Agus air dhuinn teachd an sealladh Chìpruis, agus fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria, agus thàinig sinn gu tìr aig Tìrus: oir is ann an sin a bha an long gus a luchd a chur a‑mach. 4 Agus air dhuinn deisciobail fhaotainn, dh’fhan sinn an sin seachd làithean: muinntir a thubhairt ri Pòl tre an Spiorad, gun e a dhol suas gu Ierusalem. 5 Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, chaidh sinn a‑mach, agus thriall sinn romhainn; agus thàinig iadsan uile, maille ri mnathan agus ri cloinn nar cuideachd, a‑mach as a’ bhaile: agus chaidh sinn air ar glùinean air an tràigh, agus rinn sinn ùrnaigh. 6 Agus an dèidh dhuinn ar cead a ghabhail da chèile, chaidh sinn air bòrd na luinge; agus thill iadsan dan taighean fhèin. 7 Agus nuair a chrìochnaich sinn ar turas o Thìrus, thàinig sinn gu Ptolemais, agus chuir sinn fàilte air na bràithrean, agus dh’fhan sinn aon là maille riu. 8 Agus air an là màireach, air dhuinne a bha de chuideachd Phòil imeachd, thàinig sinn gu Cesarèa; agus chaidh sinn a‑steach do thaigh Philip an soisgeulaiche (a bha den t‑seachdnar), agus dh’fhan sinn aige. 9 Agus bha ceathrar nighean aigesan, òighean, a bha ri fàidheadaireachd. 10 Agus aig fantainn dhuinn mòran làithean an sin, thàinig a‑nuas o Iudèa fàidh àraidh dom b’ainm Agabus. 11 Agus nuair a thàinig e dar n‑ionnsaigh‐ne, ghabh e crios Phòil, agus cheangail e a làmhan agus a chasan fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Spiorad Naomh ag ràdh, Is ann mar seo a cheanglas na h‑Iùdhaich ann an Ierusalem an duine dom buin an crios seo, agus bheir iad thairis e do làmhan nan Cinneach. 12 Agus nuair a chuala sinne na nithean seo, ghuidh sinn fhèin agus muinntir an àite air, gun e a dhol suas gu Ierusalem. 13 An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa. 14 Agus nuair nach gabhadh e comhairle, sguir sinne, ag ràdh, Dèanar toil an Tighearna. 15 Agus an dèidh nan làithean seo, air dhuinn a bhith ullamh, chaidh sinn suas gu Ierusalem. 16 Agus chaidh mar an ceudna maille rinn cuid de na deisciobail o Chesarèa, a’ toirt leo Mhnasoin o Chìprus, seann deisciobal àraidh, aig an robh sinn gu bhith air aoigheachd. 17 Agus nuair a thàinig sinn gu Ierusalem, ghabh na bràithrean rinn gu subhach. 18 Agus air an ath là, chaidh Pòl maille rinn a dh’ionnsaigh Sheumais; agus bha na seanairean uile an làthair. 19 Agus air dhàsan fàilte a chur orra, chuir e an cèill dhaibh fa leth na nithean a rinn Dia le a mhinistrealachd‐san am measg nan Cinneach. 20 Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris‐san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh. 21 Agus chuala iad umadsa, gu bheil thu a’ teagasg do na h‑Iùdhaich uile a tha am measg nan Cinneach, Maois a thrèigsinn, ag ràdh riu nach còir dhaibh an clann a thimcheall‐ghearradh, no gluasad a rèir nan gnàth. 22 Ciod uime sin a nìthear? Gun teagamh, is èiginn don t‑sluagh cruinneachadh: oir cluinnidh iad gun tàinig thu. 23 Uime sin dèan seo a tha sinne ag ràdh riut: Tha ceathrar fhear maille rinn, air a bheil bòid; 24 Thoir iadsan leat, agus bi air do ghlanadh maille riu, agus dèan costas leo, a‑chum gum beàrr iad an cinn: agus gum bi fhios aig na h‑uile nach eil ach neoni anns na chuala iad mud thimcheall‐sa, ach gu bheil thu fhèin mar an ceudna ag imeachd gu riaghailteach, agus a’ coimhead an lagha. 25 Ach mu thimcheall nan Cinneach a chreid, sgrìobh sinne, agus b’i ar breith gun iad a ghleidheadh aon de na nithean sin, ach a‑mhàin iad fhèin a choimhead o nithean a chaidh ìobradh do iodhalan, agus o fhuil, agus o nì tachdte, agus o strìopachas. 26 An sin ghabh Pòl na daoine; agus air an là màireach air dha a bhith air a ghlanadh maille riu, chaidh e a‑steach don teampall, a’ foillseachadh coileanadh làithean a’ ghlanaidh, gus an tugte tabhartas airson gach aoin aca. 27 Agus nuair a bha na seachd làithean ach beag air an coileanadh, air do na h‑Iùdhaich on Asia esan fhaicinn anns an teampall, bhrosnaich iad am poball uile, agus chuir iad làmh ann. 28 Ag èigheach, Fheara Israeil, cuidichibh: is e seo an duine a tha a’ teagasg nan uile dhaoine anns gach àit an aghaidh a’ phobaill, agus an lagha, agus an àite seo: agus os bàrr, thug e a‑steach Greugaich don teampall, agus shalaich e an t‑ionad naomh seo. 29 (Oir chunnaic iad Trophimus an t‑Ephèsianach roimhe sin anns a’ bhaile maille ris, agus shaoil iad gun tug Pòl a‑steach don teampall e.) 30 Agus ghluaiseadh am baile gu h‑iomlan, agus ruith an sluagh cuideachd: agus air dhaibh breith air Pòl, tharraing iad a‑mach as an teampall e: agus air ball dhùineadh na dorsan. 31 Agus nuair a b’àill leò a mharbhadh, chaidh sgeul a dh’ionnsaigh àrd‐cheannard na cuideachd, gu robh Ierusalem uile thar a chèile: 32 Neach air ball a thug leis saighdearan, agus ceannardan‐cheud, agus a ruith sìos dan ionnsaigh. Agus nuair a chunnaic iadsan an t‑àrd‐cheannard agus na saighdearan, sguir iad de bhualadh Phòil. 33 An sin thàinig an t‑àrd‐cheannard am fagas agus rug e air, agus dh’àithn e a cheangal le dà shlabhraidh; agus dh’fhiosraich e cò e, agus ciod a rinn e. 34 Agus ghlaodh aon chuid am measg an t‑sluaigh aon nì, agus cuid eile nì eile: agus nuair nach robh e an comas dha cinnteachd na cùise a thuigsinn airson na h‑àrd‐bhruidhne, dh’òrdaich e esan a thoirt don chaisteal. 35 Agus nuair a thàinig e a‑chum na staidhreach, thàrladh gun do ghiùlaineadh e leis na saighdearan, airson ainneart an t‑sluaigh. 36 Oir lean am mòr‐shluagh e, a’ glaodhaich, Beir uainn e. 37 Agus nuair a bha Pòl gu bhith air a thoirt a‑steach don chaisteal, thubhairt e ris an àrd‐cheannard, An cead dhòmhsa nì a labhairt riut? Agus thubhairt esan, An labhair thu Grèigis? 38 Nach tusa an t‑Èiphiteach sin a thog ceannairc ro na làithean seo, agus a thug leat don fhàsach ceithir mìle fear a bha nan luchd‐mortaidh? 39 Ach thubhairt Pòl, Is duine mise a tha am Iùdhach gun amharas, o Tharsas, saor‐dhuine de bhaile ro‑inbheach ann an Cilicia: agus guidheam ort, thoir cead dhomh labhairt ris an t‑sluagh. 40 Agus nuair a thug e cead dha, air do Phòl seasamh air an staidhir, smèid e le làimh air an t‑sluagh, ag iarraidh èisdeachd: agus air fantainn ro‑thosdach dhaibhsan, labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, ag ràdh: |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society