Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 20 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chaidh Pòl do Mhacedonia: 7 fhritheil e suipeir an Tighearna, agus shearmonaich e. 9 Air do Eutichus tuiteam sìos ann an cruth mairbh, thogadh suas beò e. 17 Aig Miletus ghairm Pòl seanairean na h‑eaglais an ceann a chèile, agus dh’innis e dhaibh ciod a bha gu tachairt dha fhèin, etc.

1 Agus an dèidh don choghàir sgur, ghairm Pòl na deisciobail da ionnsaigh, agus air dha a chead a ghabhail dhiubh, thriall e gu dol do Mhacedònia.

2 Agus air dha dol tro na crìochan sin, agus mòr‐earalachadh a dhèanamh orra, thàinig e don Ghrèig;

3 Agus dh’fhan e an sin trì mìosan: agus nuair a bha na h‑Iùdhaich ri feall‐fhalach air a shon, agus e air tì dol air luing do Shiria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia.

4 Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.

5 Air dhaibh seo imeachd romhainne dh’fheith iad rinn ann an Tròas.

6 Agus sheòl sinn o Philipi, an dèidh làithean an arain neo‐ghortaichte, agus thàinig sinn dan ionnsaigh‐san gu Tròas ann an còig làithean, far an d’fhan sinn seachdain.

7 Agus air a’ chiad là den t‑seachdain, air do na deisciobail cruinneachadh an ceann a chèile a bhriseadh arain, shearmonaich Pòl dhaibh, agus a rùn air imeachd uapa air an là màireach, agus lean e air labhairt gu meadhon‐oidhche.

8 Agus bha mòran lòchran anns an t‑seòmar uachdarach, far an robh iad cruinn.

9 Agus bha òganach àraidh dom b’ainm Eutichus na shuidhe ann an uinneig, air tuiteam gu trom na chadal: agus air do Phòl a bhith rè fad a’ searmonachadh, shàraicheadh leis a’ chadal e, agus thuit e sìos on treas lobhta, agus thogadh marbh e.

10 Agus chaidh Pòl sìos, agus thuit e air, agus air dha a ghlacadh na uchd, thubhairt e, Na biodh trioblaid oirbh; oir tha a anam ann.

11 Agus air dol suas dha a‑rìs, bhris e aran agus dh’ith e, agus labhair e riu rè ùine fhada, eadhon gu teachd na maidne, agus mar sin dh’fhalbh e.

12 Agus thug iad leo an t‑òganach agus e beò, agus rinn iad gàirdeachas nach bu bheag.

13 Agus air dhuinne imeachd air thoiseach a‑chum na luinge, sheòl sinn gu Asos, fo rùn Pòl a ghabhail a‑steach an sin: oir is ann mar sin a dh’òrdaich e, a’ cur roimhe gun imicheadh e fhèin da chois.

14 Agus nuair a choinnich e sinn aig Asos, ghabh sinn a‑steach e, agus thàinig sinn gu Mitilène.

15 Agus air seòladh dhuinn as a sin, thàinig sinn air an là màireach fa chomhair Chiois; agus air an là na dhèidh sin thàinig sinn gu Samos, agus dh’fhan sinn aig Trogillium; agus air an là a b’fhaisge thàinig sinn gu Miletus.

16 Oir chuir Pòl roimhe seòladh seach Ephesus, a‑chum nach tàrladh dha moille a dhèanamh anns an Asia: oir rinn e cabhag a‑chum nam faodadh e a bhith ann an Ierusalem air là na Caingis.

17 Agus chuir e fios o Mhiletus gu Ephesus, agus ghairm e da ionnsaigh seanairean na h‑eaglais.

18 Agus nuair a thàinig iad da ionnsaigh, thubhairt e riu, Tha fhios agaibh cionnas a bha mi nur measg anns an uile aimsir, on chiad là a thàinig mi don Asia,

19 A’ dèanamh seirbhis don Tighearna leis gach uile irioslachd inntinn, agus maille ri mòran dheur, agus dheuchainnean, a thachair dhomh le ceilg nan Iùdhach.

20 Agus cionnas nach do ghlèidh mi nì sam bith am falach a bha feumail dhuibhse, gun a nochdadh dhuibh, agus gun sibhse a theagasg am follais, agus o thaigh gu taigh,

21 A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

22 Agus a‑nis feuch, tha mi a’ dol gu Ierusalem ceangailte anns an spiorad, gun fhios agam ciod iad na nithean a thàrlas dhomh an sin;

23 Ach a‑mhàin gu bheil an Spiorad Naomh a’ dèanamh fianais anns gach baile, ag ràdh gu bheil gèimhlean agus trioblaidean a’ feitheamh orm.

24 Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

25 Agus a‑nis feuch, tha fhios agam nach faic sibhse uile, am measg an d’imich mi a’ searmonachadh rìoghachd Dhè, mo ghnùis nas mò.

26 Uime sin tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh air an là‑an‑diugh, gu bheil mise glan o fhuil nan uile.

27 Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh.

28 Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd‐coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.

29 Oir tha fhios agam air a seo, an dèidh m’imeachd‐sa gun tig madaidhean‐allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud.

30 Agus èiridh daoine dhibh fhèin, a labhras nithean fiara, a‑chum deisciobail a tharraing nan dèidh fhèin.

31 Uime sin dèanaibh faire, a’ cuimhneachadh nach do sguir mise rè thrì bliadhna de chomhairleachadh gach aoin agaibh a là agus a dh’oidhche le deòir.

32 Agus a‑nis, a bhràithrean, earbam sibh ri Dia, agus ri facal a ghràis, a tha comasach air ur togail suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh am measg na muinntir sin uile a tha air an naomhachadh.

33 Cha do shanntaich mi airgead, no òr, no aodach duine sam bith.

34 Seadh, is aithne dhuibh fhèin gun do fhritheil na làmhan seo dom uireasbhaidh fhèin, agus don mhuinntir sin a bha maille rium.

35 Nochd mi na h‑uile nithean dhuibh, gur ann le saothrachadh mar seo as còir dhuibh còmhnadh a dhèanamh riùsan a tha anfhann; agus briathran an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar a thubhairt e, Tha e nas beannaichte nì a thoirt na a ghabhail.

36 Agus air dha na briathran seo a ràdh, leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh maille riu uile.

37 Agus ghuil iad uile gu goirt, agus thuit iad air muineal Phòil, agus phòg iad e,

38 Air dhaibh a bhith gu h‑àraidh brònach airson nam briathran seo a thubhairt e, nach faiceadh iad a ghnùis‐san nas mò. Agus thug iad coimheadachd dha a‑chum na luinge.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan