Gnìomharan 17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Shearmonaich Pòl aig Tesalonìca, 4 far an do chreid cuid agus an do rinn cuid eile geur‐leanmhainn air. 10 Chuireadh e gu Berèa, agus shearmonaich e an sin. 13 Rinneadh geur‐leanmhainn air; 15 thàinig e gu baile na h‑Àithne, agus shearmonaich e dhaibh an Dia beò. 1 A‑nis air dhaibh imeachd tro Amphipolis, agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog aig na h‑Iùdhaich: 2 Agus mar a bu ghnàth le Pòl, chaidh e a‑steach dan ionnsaigh, agus air trì làithean sàbaid reusonaich e riu as na sgriobtairean, 3 Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd. 4 Agus chreid cuid dhiubh, agus lean iad ri Pòl agus ri Silas: agus de na Greugaich chràbhach buidheann mhòr, agus de na mnathan inbheach, àireamh nach bu bheag. 5 Ach air do na h‑Iùdhaich mhì‐chreidmheach a bhith air am brosnachadh le eud, ghabh iad dan ionnsaigh droch dhaoine àraidh de na corraibh‐margaidh, agus air tional cuideachd mhòir dhiubh, chuir iad am baile uile thar a chèile, agus chuartaich iad taigh Iàsoin, agus dh’iarr iad an toirt a‑mach a‑chum an t‑sluaigh. 6 Agus nuair nach d’fhuair iad iad, tharraing iad Iàson agus bràithrean àraidh a‑chum uachdarain a’ bhaile, ag èigheach, Tha na daoine seo, a chuir an saoghal bun‐os‑cionn, air teachd an seo mar an ceudna: 7 Don tug Iàson aoigheachd: agus tha iad seo uile a’ cur an aghaidh òrdagh Chèasair, ag ràdh gu bheil rìgh eile ann, eadhon Iosa. 8 Agus chuir iad buaireas fon t‑sluagh, agus fo uachdarain a’ bhaile, nuair a chuala iad na nithean seo. 9 Agus nuair a ghabh iad urras o Iàson, agus o chàch, leig iad uapa iad. 10 Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach. 11 Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin. 12 Uime sin chreid mòran dhiubh: agus mar an ceudna de mhnathan uaisle de na Greugaich, agus de fhir, àireamh nach bu bheag. 13 Ach nuair a thuig na h‑Iùdhaich o Thesalonìca gun do shearmonaicheadh facal Dhè le Pòl ann am Berèa, thàinig iad an sin mar an ceudna, a’ brosnachadh an t‑sluaigh. 14 An sin air ball chuir na bràithrean uapa Pòl, a‑chum gun rachadh e mar gum b’ann a‑chum na mara: ach dh’fhan Silas agus Timòteus an sin fhathast. 15 Agus threòraich luchd‐coimheadachd Phòil e gu baile na h‑Àithne; agus air faghail òrdaigh dhaibh gu Silas agus Timòteus, iad a theachd da ionnsaigh‐san mar a bu luaithe, dh’imich iad romhpa. 16 A‑nis am feadh a bha Pòl a’ feitheamh riu anns an Aithne, bha a spiorad air a bhrosnachadh ann, do bhrìgh gum faca e am baile làn iodhal‐adhraidh. 17 Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air. 18 An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith‐bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh. 19 Agus rug iad air, agus thug iad leo e gu Areopagas, ag ràdh, Am faod sinn fios fhaotainn ciod e an teagasg nuadh seo a labhrar leat? 20 Oir tha thu a’ toirt nithean àraidh neo‐ghnàthach a‑chum ar cluasan: b’àill leinn uime sin fios fhaotainn ciod as ciall dhaibh sin. 21 (Oir cha do chaith muinntir na h‑Aithne uile, agus na coigrich a bha air chuairt nam measg, an ùine ri nì air bith eile ach ri innse no ri cluinntinn nì‑eigin nuadh.) 22 An sin air seasamh do Phòl ann am meadhon Areopagais, thubhairt e, A mhuinntir na h‑Aithne, tha mi a’ faicinn gu bheil sibh anns na h‑uile nithean cràbhach thar tomhas: 23 Oir air dhomh a bhith dol seachad, agus ag amharc air ur nithean naomha, fhuair mi altair air an robh an sgrìobhadh seo, DON DIA NEO‐AITHNICHTE. Uime sin esan dom bheil sibh a’ dèanamh adhraidh gun eòlas agaibh air, is e a tha mise a’ searmonachadh dhuibh. 24 An Dia a rinn an saoghal, agus na h‑uile nithean a tha ann, do bhrìgh gur e fhèin Tighearna nèimh agus na talmhainn, chan eil e a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh‐dhèante: 25 Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean: 26 Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite‐còmhnaidh; 27 A‑chum gun iarradh iad an Tighearna, a dh’fheuchainn an tàrladh dhaibh, le mion‐rannsachadh, gum faigheadh iad e, ged nach eil e fada o gach aon againn: 28 Oir annsan tha sinn beò, agus a’ gluasad, agus tha ar bith againn; mar a thubhairt mar an ceudna dream àraidh de ur bàird fhèin, Oir is sinne fòs a ghineal‐san. 29 Uime sin do bhrìgh gur sinne gineal Dhè, cha chòir dhuinn a shaoilsinn gu bheil an Diadhachd cosmhail ri òr, no ri airgead, no ri cloich, nithean a ghearradh le ealadhain agus innleachd dhaoine. 30 A‑nis air do Dhia amharc thairis air aimsirean an aineolais seo, tha e a‑nis ag àithneadh do na h‑uile anns gach àite aithreachas a dhèanamh: 31 Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh. 32 Agus nuair a chuala iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid dhiubh fanaid; ach thubhairt cuid eile, Eisdidh sinn riut a‑rìs mun nì seo. 33 Agus mar sin chaidh Pòl a‑mach as am meadhon. 34 Gidheadh lean cuid de dhaoine ris, agus chreid iad. Nam measg seo bha Dionisius an t‑Areopagach, agus bean dom b’ainm Damaris, agus dream eile maille riu. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society