Gnìomharan 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Rinn Herod geur‐leanmhainn air na Crìosdaidhean, 2 mharbh e Seumas, 3 agus chuir e Peadar ann am prìosan, neach a thugadh a‑mach le aingeal tre ùrnaighean na h‑eaglais: 23 bhuaileadh Herod le aingeal, agus bhàsaich e gu truagh. 1 A‑nis mun àm sin, shìn Herod an rìgh a làmhan, a dhèanamh uilc air dream àraidh den eaglais. 2 Agus mharbh e Seumas bràthair Eòin leis a’ chlaidheamh. 3 Agus nuair a chunnaic e gun do thaitinn sin ris na h‑Iùdhaich, chaidh e air aghaidh a ghlacadh Pheadair mar an ceudna. (Agus b’iad làithean an arain neo‐ghortaichte a bha ann.) 4 Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge. 5 Air an adhbhar sin ghleidheadh Peadar anns a’ phrìosan: ach bha bith‐ùrnaigh air a dèanamh leis an eaglais ri Dia air a shon. 6 Agus nuair a b’àill le Herod a thoirt a‑mach, anns an oidhche sin fhèin bha Peadar na chadal eadar dithis shaighdearan, ceangailte le dà shlabhraidh: agus bha an luchd‐faire fa chomhair an dorais a’ coimhead a’ phrìosain. 7 Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna air, agus dhealraich solas anns a’ phrìosan: agus bhuail e taobh Pheadair, agus dhùisg e e, ag ràdh, Eirich gu grad. Agus thuit a cheanglaichean de a làmhan. 8 Agus thubhairt an t‑aingeal ris, Crioslaich thu fhèin, agus ceangail ort do bhonn‐bhrògan: agus rinn e mar sin. Agus thubhairt e ris, Tilg d’fhallaing umad, agus lean mise. 9 Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e. 10 Agus air dhaibh dol tron chiad agus an dara faire, thàinig iad a‑chum a’ gheata iarainn a tha a’ treòrachadh don bhaile, a dh’fhosgail dhaibh leis fhèin: agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad air an aghaidh tro aon sràid, agus air ball dh’fhalbh an t‑aingeal uaithe. 11 Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach. 12 Agus nuair a smaoinich e air a’ chùis, thàinig e gu taigh Mhuire, màthair Eòin, don co‑ainm Marcus, far an robh mòran cruinn, agus iad ri ùrnaigh. 13 Agus nuair a bha Peadar a’ bualadh doras a’ gheata, thàinig gruagach dom b’ainm Ròda a dh’èisdeachd. 14 Agus nuair a dh’aithnich i guth Pheadair, tre aoibhneas cha d’fhosgail i an geata, ach ruith i a‑steach, agus dh’innis i gu robh Peadar na sheasamh aig a’ gheata. 15 Ach thubhairt iad rithe, Tha thu air mhì‐chèill. Ach bha ise a’ toirt dearbh‐chinnte gu robh e mar sin. An sin thubhairt iad, Is e aingeal a tha ann. 16 Ach bhuanaich Peadar a’ bualadh an dorais: agus nuair a dh’fhosgail iad, agus a chunnaic iad e, bha iad làn uamhais. 17 Ach air dhàsan smèideadh orra le a làimh iad a bhith nan tosd, chuir e an cèill dhaibh cionnas a thug an Tighearna as a’ phrìosan e. Agus thubhairt e, Innsibh na nithean seo do Sheumas agus do na bràithrean. Agus air dol a‑mach dha, chaidh e gu àit eile. 18 Agus air teachd don là bha iomairt nach bu bheag am measg nan saighdearan, ciod a thachair do Pheadar. 19 Agus nuair a dh’iarr Herod e, agus nach d’fhuair e e, cheasnaich e an luchd‐coimhead, agus dh’òrdaich e an toirt air falbh a‑chum peanais. Agus chaidh e sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus rinn e còmhnaidh an sin. 20 Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh. 21 Agus air là òrdaichte, air do Herod a bhith air a sgeadachadh le aodach rìoghail, agus na shuidhe air a rìgh‐chathair, labhair e gu deas‐bhriathrach riu. 22 Agus rinn an sluagh iolach, ag ràdh, Is guth dè seo, agus cha ghuth duine. 23 Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as. 24 Ach dh’fhàs facal an Tighearna agus mheudaicheadh e. 25 Agus thill Barnabas agus Saul o Ierusalem, air dhaibh am ministrealachd a choileanadh, a’ toirt leo mar an ceudna Eòin, don co‑ainm Marcus. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society