Genesis 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ginealach, beatha, agus bàs nam prìomh‐aithrichean, o Adhamh gu Nòah. 24 Diadhaidheachd Enoich, agus a ghabhail suas do fhlaitheanas. 1 Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e; 2 Fireannach agus boireannach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh mar ainm orra, anns an là anns an do chruthaicheadh iad. 3 Agus bha Adhamh beò ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin; agus thug e Set mar ainm air: 4 Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan: 5 Agus b’iad uile làithean Adhaimh a bha e beò naoi ceud agus deich‐bliadhna‑fichead: agus fhuair e bàs. 6 Agus bha Set beò ceud agus còig bliadhna, agus ghin e Enos: 7 Agus bha Set beò, an dèidh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: 8 Agus b’iad uile làithean Shet naoi ceud agus dà‑bhliadhna‑dheug: agus fhuair e bàs. 9 Agus bha Enos beò ceithir‐fichead bliadhna agus a deich, agus ghin e Càinan: 10 Agus bha Enos beò, an dèidh dha Càinan a ghintinn, ochd ceud agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan: 11 Agus b’iad uile làithean Enois naoi ceud agus còig bliadhna: agus fhuair e bàs. 12 Agus bha Càinan beò deich bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Mahalalil: 13 Agus bha Càinan beò, an dèidh dha Mahalalil a ghintinn, ochd ceud agus dà‑fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: 14 Agus b’iad uile làithean Chàinain naoi ceud agus deich bliadhna: agus fhuair e bàs. 15 Agus bha Mahalalil beò còig bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Iàred: 16 Agus bha Mahalalil beò, an dèidh dha Iàred a ghintinn, ochd ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mic agus nigheanan: 17 Agus b’iad uile làithean Mhahalalil ochd ceud ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs. 18 Agus bha Iàred beò ceud agus trì‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch: 19 Agus bha Iàred beò, an dèidh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: 20 Agus b’iad uile làithean Iàreid naoi ceud trì‐fichead agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs. 21 Agus bha Enoch beò trì‐fichead agus còig bliadhna, agus ghin e Metùselah: 22 Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: 23 Agus b’iad uile làithean Enoich trì cheud agus trì‐fichead agus còig bliadhna: 24 Agus ghluais Enoch maille ri Dia: agus cha robh e ann; oir thug Dia leis e. 25 Agus bha Metùselah beò ceud agus ceithir‐fichead agus seachd bliadhna, agus ghin e Làmech: 26 Agus bha Metùselah beò, an dèidh dha Làmech a ghintinn, seachd ceud, ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: 27 Agus b’iad uile làithean Mhetùselah naoi ceud agus trì‐fichead agus naoi bliadhna: agus fhuair e bàs. 28 Agus bha Làmech beò ceud agus ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac: 29 Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna. 30 Agus bha Làmech beò, an dèidh dha Nòah a ghintinn, còig cheud, ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan: 31 Agus b’iad uile làithean Làmeich, seachd ceud agus trì‐fichead agus seachd‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs. 32 Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society