Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Genesis 42 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir Iàcob a dheichnear mhac don Èiphit a cheannach sìl. 17 Thilg Iòseph ann am prìosan iad mar luchd‐brathaidh; ach air a’ chumha gum fàgadh iad Simeon, agus gun tilleadh iad a‑rìs lem bràthair a b’òige, leigeadh as iad.

1 A‑nis nuair a chunnaic Iàcob gu robh sìol anns an Èiphit, thubhairt e ra mhic, Carson a tha sibh ag amharc air a chèile?

2 Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Èiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs.

3 Agus chaidh deichnear bhràithrean Iòseiph sìos a cheannach sìl anns an Èiphit.

4 Ach cha do chuir Iàcob Beniàmin, bràthair Iòseiph, maille ra bhràithrean: oir thubhairt e, Air eagal gun èirich olc dha.

5 Agus thàinig mic Israeil a cheannach sìl am measg na muinntir a thàinig: oir bha a’ ghorta ann an tìr Chanàain.

6 Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.

7 Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh.

8 Agus dh’aithnich Iòseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan.

9 Agus chuimhnich Iòseph air na h‑aislingean a chunnaic e man timcheall, agus thubhairt e riu, Is luchd‐brathaidh sibh; a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre thàinig sibh.

10 Agus thubhairt iad ris, Chan eadh, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh:

11 Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd‐brathaidh do sheirbhisich.

12 Agus thubhairt esan riu, Chan eadh, ach is ann a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre a thàinig sibh.

13 Agus thubhairt iad, Is dà‑bhràthair‐dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanàain; agus, feuch, tha am fear as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair, agus tha aon nach maireann.

14 Agus thubhairt Iòseph riu, Seo an nì a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd‐brathaidh sibh:

15 Mar seo dearbhar sibh; mar as beò Phàraoh, cha tèid sibh a‑mach à seo, mura tig ur bràthair as òige an seo.

16 Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis ur bràthair, agus gleidhear sibhse ann am prìosan, a‑chum is gun dearbhar ur briathran, a bheil no nach eil fìrinn annaibh: no, mar as beò Phàraoh, gu cinnteach is luchd‐brathaidh sibh.

17 Agus chuir e am prìosan iad uile rè trì làithean.

18 Agus thubhairt Iòseph riu air an treas là, Dèanaibh seo, agus bithibh beò: oir tha eagal Dhè ormsa:

19 Mas daoine fìrinneach sibh, fàgar aon de ur bràithrean ceangailte ann an taigh ur prìosain: agus imichibh‐se, thugaibh leibh sìol airson gorta ur teaghlaichean:

20 Ach thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh‐sa; mar sin dearbhar ur briathran, agus chan fhaigh sibh bàs. Agus rinn iad mar sin.

21 Agus thubhairt iad ri chèile. Tha sinn gu deimhinn ciontach a‑thaobh ar bràthar, do bhrìgh gum faca sinn cràdh a anama, nuair a ghuidh e oirnn, agus nach d’èisd sinn ris; uime sin thàinig an airc seo oirnn.

22 Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.

23 Agus cha robh fhios acasan gu robh Iòseph gan tuigsinn; oir bha eadar‐theangair eatorra.

24 Agus thionndaidh e e fhèin uapa, agus ghuil e; agus thill e a‑rìs dan ionnsaigh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uapa, agus cheangail e e fa chomhair an sùl.

25 An sin dh’àithn Iòseph an saic a lìonadh le sìol, agus airgead gach duine a chur air ais na shac, agus biadh a thoirt dhaibh airson na slighe: agus is ann mar seo a rinn e riu.

26 Agus thog iad an sìol air an asail, agus dh’imich iad a sin.

27 Agus nuair a dh’fhosgail fear dhiubh a shac, a thoirt bìdh da asal anns an taigh‐òsda, chunnaic e a airgead; oir, feuch, bha e am beul a shaic.

28 Agus thubhairt e ra bhràithrean, Thugadh air ais m’airgead‐sa; agus, feuch, tha e eadhon am shac. Agus dh’fhàilnich an cridhe, agus bha eagal orra, ag ràdh, gach fear ri chèile, Ciod e seo a rinn Dia oirnn?

29 Agus thàinig iad a‑chum Iàcoib an athair, do thìr Chanàain, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh, ag ràdh,

30 Labhair an duine a tha na uachdaran air an tìr rinn gu coimheach, agus ghabh e sinn mar luchd‐brathaidh air an dùthaich.

31 Agus thubhairt sinn ris, Is daoine fìrinneach sinne; cha luchd‐brathaidh idir sinn:

32 Is dà‑bhràthair‐dheug sinn, mic ar n‑athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha am mac as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair ann an tìr Chanàain.

33 Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre, rinn, Mar seo aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon de ur bràithrean maille riumsa, agus gabhaibh biadh airson gorta ur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd.

34 Agus thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh‐sa; an sin bidh fhios agam nach luchd‐brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise ur bràthair dhuibh, agus nì sibh ceannachd anns an tìr.

35 Agus nuair a thaom iad an saic, feuch, bha ceanglachan airgid gach duine na shac fhèin, agus nuair a chunnaic iad fhèin agus an athair na ceanglachain airgid, bha eagal orra.

36 Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh‐sa tha na nithean sin uile.

37 Agus labhair Reuben ra athair, ag ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mura toir mi ad ionnsaigh e: thoir thairis dom làimh‐sa e, agus bheir mise ad ionnsaigh a‑rìs e.

38 Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac sìos maille ribh; oir tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar: ma thachras olc dha anns an t‑slighe air an tèid sibh, an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan